Punnd Sasannach
Bho thùs, ann an linn nan Sagsonaich (A thug ainm do Ear-Dheas na Breatuinn), cha b' ann an punnd Shasannach ach cumhachd cheannaich Punnd Troigh de miotail airgead. Gu ìre mhòr, chleachd dùthaich Tuatha na h-Eòrpa airgiod mar meadhan-mhalairt agus tìrean deasach na h-Eòrpa òr. Ann an Sasunn agus Alba, bha an 1/240mh phairt den phunnd aithnichte a bhi na chuideam-pheighinn, agus b' e sin an cuideam airgid a bha anns a' pheighinn Sasunnach roimhe linn nan Tormodaich. As deidh 1066, mean air mhean mheasgaich rìghrean na Sasuinn bun-mheatailtean le airgiod nam buinn agus chaidh luach an "airgid" seo sìos. Chaidh rìghrean na h-Albainn torr nas fhada na rìghrean na Sasuinn air taobh milleadh an cuid airgid, agus aig am Achd an Aonaidh de 1707 cha robh luach a' Phunnd Albannaich ach 1/12 mh de Punnd Shasannach. As deidh 1707 chleachd an da dhùthaich am Punnd Shasannach, a dh'aindeoin sin bha cuid Albannach a' measadh 1 s. 8 d. Shasunnach ( 1 Sgillinn agus 8 peighinn) a bhi na "punnd Albannach" iomadh bliadhna as deidh sin. Is e sin a bha Raibeart Burns a' ciallachadh nuair a sgrìobh e an sreath "Twa pund Scots twas a' her riches" anns a' bhàrdachd Tam o' Shanter.
Ged a dh'fhalbh am punnd Albannach os cionn 300 bliadhna, bha feum aig na Gaidheal a dh'aithneach an difir eadar am Punnd Sasannach agus am Punnt Éireannach sìos ri 2002, nuair a chuir Èireann a punnd seachad, a ghabhail pàirt an ruith-airgid ùr na h-Eòrpa: An Euro.
Roinneadh de Punnd
B'e roinneadh nan Punnd an Sgillinn agus am Peighinn.
12 Peighinn = 1 Sgillinn
20 Sgillinn = 1 Punnd
Is ann bho nach robh 1 Sgillinn Albannach ach an uimhir ri 1 Peighinn Sasunnach, a tha na Gaidheal Albannach a' cleachdadh am facal "sgillinn" an aite "peighinn" ( a bha na h-Èireannaich a' cleachdadh mun deach iad ris an Euro an 2002). Cha cleachdar am facal "peighinn" an Alba an diugh ach far a bheil e na phàirt de ainm aite: Mar eisimpleir "Peighinn a' Chorrain" an Bràighe Throndarnais, far a bheil "peighinn" a' comharraich pìos fearann air a bhiodh (is docha anns na meadhan-aoisean) màl bhliadhnail de Peighinn Albannach.
Roimhe meadhan an 19mh cheud, bha gluasad air ainmean cumanta 's a' Ghàidhlig
1 Punnd (Sasannach) = 20 tasdan
1 Tasdan = 12 Sgillinn
Nuair a chaidh Breatainn 'o cleachdadh ruith-airgid stèidhichte air bonnaibh oir aig toiseach a' chogadh mhòr, chuireadh muilnean de notaichean banca luach 1 punnd a mach an àite an oir a bha air cumail mar caile nàiseanta. Ré ùine, chaidh cleachdadh air an ainm Nota an aite punnd.
Deicheamhachd
Chuireadh as an roinneadh den phunnd le sgillinnean is peighinnibh as anns a' bhliadhna 1971, nuair a chaidh ath-roinneadh den phunnd ri siostam deicheamhachd, le cheud sgillinn ris an nota.
A Sealladh Air Adhart
Anns an latha an diugh (2008) cha mhòr nach eil notaichean singilte air dol a mach a bhith, agus is "Tughadaran", bonn umha le luach de punnd a chuir an Riaghaltas aig Maighread Nic an Tughadair an gnìomh anns na 1980'n a tha air gabhail an aite.
Tha cuid an dòchas gun tèid Alba a-steach ri roinn an Euro ré na beagan bliadhnaichean a tha romhainn.