Port Pàipeir

O Uicipeid
Cairt-tiotail na sreath ann an Gàidhlig.

'S e prògram tbh a tha ann am Port Pàipeir.

Chaidh a chruthachadh le Zumbástico Studios agus co-riochdaichte le Gloob, Senal Colombia, ANTV, Pakapaka, TVN agus CNTV.

Ann an Alba, tha BBC Alba a' craoladh a' phrògraim seo.[1]

Geàrr-chunntas[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an t-sreath a' leantainn beatha Marisa, nighean dusan bliadhna a dh'aois a ràinig Port Pàipeir airson an samhradh a chuir seachad còmhla ri a seanair agus MacLaomain an t-iasg. Gun fhiosta, tha i a' briseadh cnò-còco dhraoidheil agus e a' toirt diofar chumhachdan draoidheil dhi, air nach eil smachd neo roghainn aice. Còmhla ri a caraidean Teàrlach, Fionnghala agus Dòl, feumaidh i faighinn a-mach ciamar a gheibh i smachd air a cumhachdan draoidheil.

Tionndadh Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Nochd an dreach Gàidhlig airson a' chiad turas air BBC Alba 26 Dàmhair, 2020 aig 18:20, rè uair phrògraman CBBC Alba. Chaidh an dreach Gàidhlig fhoillseachadh le Solus Productions Ltd, a tha cuideachd air na dreachan Gàidhlig de shreathan eile a dhèanamh, leithid An Saoghal Droil aig Pòl Ploc agus Nannag a’ Noo.

Guthan Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Tha guthan aig an tionndadh Gàidhlig le:

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. https://www.bbc.co.uk/programmes/m000nxc2

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]