Jump to content

Tony Kearney

O Uicipeid
Tony Kearney
Beatha
Breith Barraigh, dhen Dùbhlachd 1972
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu ealain
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd actair, preasantair telebhisein agus actair telebhisein
Neach-fànais
IMDb nm1631868

Tha Tony Kearney ainmeil air feadh na h-Alba mar chleasaiche ann an River City agus mar chleasaiche agus preasantair air prògraman Gàidhlig.

'S ann à Barraigh a tha Tony.[1]

Bha e anns a' chiad siabann Gàidhlig a bh' ann a-riamh, Machair, bho 1993 gu 1998 mar 'Calum'.

Ghabh e pàirt air Dè a-nis? far gur e coineanach mòr a bh' ann, Calum Coineanach, aig an robh òran: 'Ho Ro Calum Coineanach'.

Bha e a' cluich 'Scott Wallace' air River City, caractair a bha ag obair ann am bàr. Bha sgeulachdan dorcha air Tony ri chluich: gun deach a sgaradh on a theaghlach air sgàth gun robh e gèidh, bàs 'athair agus dh'fheuch Scott cur às dha fhèin.[2]

Ann an 2011, chluich e ann an 'Somersaults', dealbh-chluiche Beurla le Iain Fionnlagh MacLeòid airson Dràma Nàiseanta na h-Alba. [3]

Tha e air dà shreath de 'Turas Tony' a dhèanamh airson BBC Alba.

Ceann-latha a' chiad chraolaidhTiotalPàirtStiùiricheSgrìobhadairSianalNota
2007Cleas Feasgair: Na FaileasanTormod Harris/ Ted LewisSìm MacCoinnichIain Mac a' Ghobhainn: Ath-sgrìobhadh airson telebhisean le Sim MacCoinnich, Patsi NicCoinnich, Eleanor YuleSorbier Productions
BBC Alba
Dràma stèidhichte air 'Strainnsear' dealbh-chluich le Iain Mac a' Ghobhainn
Ceann-lathaTiotalPàirtStiùiricheSgrìobhadairStèisean
28 Dàmhair 2003The Time Between Two TidesCassGaynor MacfarlaneBBC Radio 4 Afternoon Play
8 Faoilleach 2004Bampot Central[4]JyzerLu KempChristopher BrookmyreBBC Radio 3 The Wire
29 Màirt 2004Nude, UntitledDaveyLu KempBBC Radio 4 Afternoon Play
8 Dùbhlachd 2005Iona[5]Andrew?Rhiannon TiseBBC Radio 3 The Wire
Ceann-lathaTiotalPàirtStiùiricheSianal
1 Faoilleach 2013MachairazziCassGaynor MacfarlaneBBC Alba

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. https://web.archive.org/web/20160306165720/http://www.thescottishsun.co.uk/scotsol/homepage/news/2556112/Filming-death-scenes-left-River-City-star-an-emotional-wreck.html
  2. https://web.archive.org/web/20160306165720/http://www.thescottishsun.co.uk/scotsol/homepage/news/2556112/Filming-death-scenes-left-River-City-star-an-emotional-wreck.html
  3. Fisher, Mark (22 March 2011). "Somersaults - review". The Guardian. Retrieved 19 September 2011.
  4. BBC – The Wire – Bampot Central
  5. BBC – The Wire – Iona

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]