Poblachd na Ròimhe
Poblachd na Ròimhe Repubblica Romana République Romaine | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1798 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1799 | |||||||
Prìomh-Bhaile | An Ròimh | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Eadailtis/Fraingis |
B' e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa a bha fo bhuaidh na Frainge a bh' ann am Poblachd na Ròimhe[1] (Fraingis: République Romaine, Eadailtis: Repubblica Romana) a mhair dìreach còrr is bliadhna bho 1798 gu 1799. Bhuineadh Lazio, Marche agus Umbria agus dhan Phoblachd. Chuir Napoleon Bonaparte às do Stàitean na h-Eaglaise ann an 1798 agus chuir e air dòigh Poblachd na h-àite,[2] ach cha do mhair a' Phoblachd ach bliadhna, leis gu robh i ann an earbsa ri feachdan na Frainge,[3] agus an uair sin chaidh Stàitean na h-Eaglaise a chur air bhog a-rithist. B' fheudar do Phius VI theiche thall thairis, far a chaochail e ann an 1799.[4] Bha sgaradh-pòsaidh agus pòsadh sìobhalta air an dèanamh laghail, chaidh abaidean agus a leithid a dhùnadh agus chaill an eaglais a chuid oighreachdan. Dh' fhàg Arm na Frainge An Ròimh air 19 an t-Sultain 1799 agus air 30 an t-Sultain ghabh Feachdan Rìoghachd Napoli thairis air a' bhaile agus crìoch air a' Phoblachd.[5]
Bailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Imperial City: Rome under Napoleon, Susan Vandiver Nicassio, 2009, UCP, Chicago
- ↑ Leonardo
- ↑ Monitore Nalpoitano
- ↑ Santi e Beati
- ↑ Repubblica Napoletana