Piedras (Tolima)
Piedras
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
![]() | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: |300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Roinn | ![]() | ||||
Àirde | 403m | ||||
Co-chomharran | 04° 32' 34' Tuath 74° 52' 59' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 361 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 5,427 (2005) | ||||
Dlùths | 15.03/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile beag ann an Tolima, Coloimbia,[1] a th' ann Piedras, neo San Sebastián del Río de las Piedras o shin. Tha e suidhichte aig 403m os cionn ìre na mara aig astar dhe 47km bho Ibagué, prìomh-bhaile na roinne 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 26˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1552.
Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]
'S e Itandaima an t-ainm tùsail a bha air an àite seo, neo dìreach an t-ainm a bha air na Tùsanaich a bha nan tàmh an seo mus do ràinig na Spàinntich.[2] Mar a b' àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus San Juan de Pasto. Mar sin, chaidh ainm a' bhaile a dh'atharrachadh gu San Sebastián del Río de las Piedras. Tha dà fhacal Spàinntis anns an ainm sin: río (abhainn) bhon fhacal Laideann rius[3] agus piedra (clach) bhon fhacal Laideann petra.[4]
Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]
Tha 5,427 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 3,804 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Ach ‘ s e baile agus sgìre traidiseanta dùthchasail a th' ann Piedras fhathast.
Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Piedras ach tha 0.5% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 84.3% dhe na daoine ann an Piedras leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 27.1% dhe na dachannan.[7]
Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Piedras. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Fiosrachadh a' Chomhairle
- ↑ Real Diccionario de la Lengua
- ↑ Real Academia de la Lengua
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia