Jump to content

Penrhyndeudraeth

O Uicipeid
Penrhyndeudraeth
Suidheachadh
Dùthaich A' Chuimrigh
Ceàrn Gwynedd
Co-chomharran 52° 48’ Tuath
05° 21′ Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 2,467 (2001)
Àireamh fòn 01766
Duilleag oifigeil penrhyndeudraeth.cymru.org

'S e clachan ann an ceann a tuath na Cuimrigh a th' ann Penrhyndeudraeth. Tha an t-ainm a’ ciallachadh "Leth Eilean le dà chladaich" anns a’ Chuimris, leis gu bheil e eadar dà tràigh, Traeth Mawr agus Traeth Bach. Tha am baile fhèin aig 13m os cionn ìre na mara.[1] Tha e suidhichte anns an t-Siorramachd (Cuimris: Sir) Gwynedd, faisg air na h-aibhnichean Glaslyn agus Dwyryd, eadar Minffordd agus Tan-y-Bwlch agus faisg air Portmeirion. Tha Penrhyndeudraeth air an àirde an iar na siorramachd, dìreach ri taobh na Pàirce Nàiseanta Eryri (Beurla: Snowdonia). Tha prìomh-oifis ùghdarras na Pàirce Nàiseanta suidhichte ann am Penrhyndeudraeth.

Chaidh am baile a stèidheachadh anns an 19mh linn. Ann an 2001 bha 2,467 daoine a’ fuireach anns an sgìre.[2]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaochail an sgrìobhadair Bertrand Russell (18721970) ann am Penrhyndeudraeth.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Walk Eryri
  2. Cunntas-sluaigh Chuimrigh[dead link]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]