Paul-Émile Lecoq de Boisbaudran
Coltas
| Paul-Émile Lecoq de Boisbaudran | |
|---|---|
![]() | |
| Beatha | |
| Breith | Cognac, 18 dhen Ghiblean 1838 |
| Dùthaich |
|
| Bàs | Paris, 28 dhen Chèitean 1912 |
| Foghlam | |
| Foghlam | École polytechnique |
| Stiùiriche an teusais |
Charles-Adolphe Wurtz (en) |
| Cànain | Fraingis |
| Dreuchd | |
| Dreuchd |
ceimigear, fiosaigiche, neach-saidheans agus winegrower (en) |
| Àitichean-obrach | Paris |
| Duaisean a fhuaras |
liosta
|
| Ballrachd | Acadamh Fhrangach nan Saidheansan |
B' e ceimigear às an Fhraing a bha ann Paul-Émile Lecoq de Boisbaudran, a chanadh François Lecoq de Boisbaudran.
Beatha shaidheansail
[deasaich | deasaich an tùs]Dh'ionnsaich e ceimigeachd aig an École polytechnique ann am Paris fo Charles Adolphe Wurtz is stèidhich e ann an 1859 deuchainn-lann rannsachaidh ann am Paris far a rannsaich e speactromachd. Dh'fhoillsich e ann an 1874 leabhar glè chudromach san eachdraidh speactromachd, Spectres lumineux.[1] Lorg e gailium, samarium agus diospròsium le dòighean speactromachdail. An dèidh don taisgealadh argoin, mhol e gum bu fear buidhinn ùr nan eileamaidean, na gasan uasal. Ann an 1876 chaidh e na ridir an Légion d'Honneur Frangach agus ann an 1879 bhuannaich e am Bonn-Chuimhne Davy airson a thaisgealadh gailium.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Lecoq de Boisbaudran, Paul-Émile (1874): Spectres lumineux, spectres prismatiques et en longueurs d'onde. Paris: Gauthier-Villars.
