Jump to content

Pàdraig Dubh

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Patrick Sellar)
Pàdraig Dubh
Beatha
Breith Siorrachd Mhoireibh, 5 dhen Dùbhlachd 1780
Dùthaich  Alba
Bàs Eilginn, 20 dhen Dàmhair 1851
Teaghlach
Clann
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-lagha agus factar

B' e Padruig Dubh (Patrick Sellar) 1780-1851 am bàillidh a fhuadaich mìltean nan Gàidheal far oighreachd Diùc a' Chataibh anns an dara deichead den 19mh linn.

Bha Sellar fo chasaid losgaidh mì-laghail agus dun-mharbhaidh ann an 1816 nuair a dh'fhuadaich e agus loisg e croit anns an robh Mairead NicAoidh a dh'eug ach cha do dhìteadh e.[1]

Fear lagha agus ceumanach Oilthigh Dhùn Èideann a bha ann. Rugadh e ann am Moireabh agus dh'eug e ann an Eilginn.

Tha òran "Dùthaich 'icAoidh" le bàrd ainmeil Eòghainn Robertson ag ràdh, "Shellar, tha thu nist nad uaigh / Gaoir nam bantrach na do chluais / Am milleadh rinn thu air an t-sluagh / Ron uiridh 'n d' fhuair thu d' leòr dheth?" Tha an òran air a chlàradh le Kathleen NicAonghais[2] agus Julie Fowlis.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Undiscovered Scotland: Margaret MacKay: Biography (Beurla). Air a tharraing 29 am Màrt 2016.
  2. Kathleen MacInnes(Beurla). BBC. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2017.