Pàdraig Dubh
Coltas
| Pàdraig Dubh | |
|---|---|
|
| |
| Beatha | |
| Breith | Siorrachd Mhoireibh, 5 dhen Dùbhlachd 1780 |
| Dùthaich |
|
| Bàs | Eilginn, 20 dhen Dàmhair 1851 |
| Teaghlach | |
| Clann |
liosta
|
| Foghlam | |
| Cànain | Beurla |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | neach-lagha agus factar |
B' e Padruig Dubh (Patrick Sellar) 1780-1851 am bàillidh a fhuadaich mìltean nan Gàidheal far oighreachd Diùc a' Chataibh anns an dara deichead den 19mh linn.
Bha Sellar fo chasaid losgaidh mì-laghail agus dun-mharbhaidh ann an 1816 nuair a dh'fhuadaich e agus loisg e croit anns an robh Mairead NicAoidh a dh'eug ach cha do dhìteadh e.[1]
Fear lagha agus ceumanach Oilthigh Dhùn Èideann a bha ann. Rugadh e ann am Moireabh agus dh'eug e ann an Eilginn.
Tha òran "Dùthaich 'icAoidh" le bàrd ainmeil Eòghainn Robertson ag ràdh, "Shellar, tha thu nist nad uaigh / Gaoir nam bantrach na do chluais / Am milleadh rinn thu air an t-sluagh / Ron uiridh 'n d' fhuair thu d' leòr dheth?" Tha an òran air a chlàradh le Kathleen NicAonghais[2] agus Julie Fowlis.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Undiscovered Scotland: Margaret MacKay: Biography (Beurla). Air a tharraing 29 am Màrt 2016.
- ↑ “Kathleen MacInnes” (Beurla). BBC. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2017.