Panevėžys
Panevėžys
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Liotuàinia | ||||
Ceàrn | Panevėžio rajono | ||||
Sgìre | Panevėžio apskritis | ||||
Co-chomharran | 55° 44 00' Tuath 24° 21 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 52 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 98,612 (2012) | ||||
Dlùths | 1,896.38/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 370) 045 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile mòr faisg air Šiauliai, ann an ceann a tuath Liotuàinia a th' ann am Panevėžys (IPA: pɐn̪ʲɛvʲeːˈʒʲiːs̪, Pòlais: Poniewież, Làtbhais: Panevēža, Iùdais: פוניבעזש/Ponevezh). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Nevėžis (tha an t-ainm a' ciallachadh ri taobh na Nevėžis san Liotuànais), 52m os cionn ìre na mara,[1] anns an roinn Panevėžio Rajono, 132km air falbh bho Vilnius (prìomh-bhaile na dùthcha), 202km bho Klaipėda, 97km bho Kaunas agus 74km bho Želva.[2] Chaidh Panevėžys a chlàradh ann an 1503, nuair a thug an Diùc Aleksandras Jogailaitis cead airson eaglais a thogail dhan bhaile, agus fhuair e còirichean mar bhaile ann an 1837. Tha 98,612 duine a' fuireach ann.[3] 'S e an còigeamh baile as motha na dùthcha a th'ann cuideachd.[4]