Kaunas
Coltas
Kaunas
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Liotuàinia | ||||
Ceàrn | Kauno Rajono | ||||
Sgìre | Kauno Apskritis | ||||
Co-chomharran | 54° 54 00' Tuath 23° 56 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 157 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 311,148 (2012) | ||||
Dlùths | 1,981.83/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 370) 037 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.kaunas.lt/ |
‘S e an dàrna baile as motha ann an Liotuàinia[1] a th' ann an Kaunas (IPA: kɐʊˑn̪ɐs̪, Gearmailtis: Kauen, Pòlais: Kowno, Iùdais: Kovne/קאָװנע, Laideann: Couna). Tha e suidhichte aig inbhir na h-Aibhnichean Nemunas agus Neris ri taobh an Loch-tasgaidh Kaunas, 66m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn Kauno Rajono, 94km air falbh bho Vilnius (prìomh-bhaile na dùthcha), 198km bho Klaipėda, 120km bho Šiauliai agus 97km bho Panevėžys. Chaidh Kaunas a stèidheachadh ro àm nan Ròmanach ach cha do deach am baile a chlàradh gus 1361 agus fhuair e còirichean mar bhaile bhon an Righ Vytautas Didysis ann an 1413. Tha 311,148 duine a' fuireach ann.[3]