Jump to content

Pacho

O Uicipeid
Pacho
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Cundinamarca
Àirde 2136m
Co-chomharran 05º 07' 58' Tuath
74º 09' 43' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 403 km²
Àireamh-shluaigh 15,414 (2005)
Dlùths 38.25/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas a’ Bhaile

'S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th' ann am Pacho. Tha e suidhichte mu 88km air falbh bho Bhogotá shuas anns na na h-Andes. Tha am baile fhèin aig àirde dhe 2,136m os cionn ìre na mara, ach tha àiteachan cho àrd is cho ìosal na 1,000m agus 3,700 os cionn ìre na mara. 'S e baile le gnàth-shìde chàilear a th' ann le teodhachd mheadhanach dhe 19˚, rè na bliadhna, ach tha gnàthan-shìde eile shuas agus shìos air a’ mhòintich. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1624.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

'Se Guataque neo Gotaque an t-ainm a bha air an àite seo mus do ràinig na Spàinntich,[3] a tha a' ciallachadh cnoc bhon fhacal gua ann am Muisca.[4] Fhuair am baile an t-ainm Pacho bho Diego Pacho, an ceann-feadhna Tùsanach mu dheireadh, a tha a' ciallachadh deagh athair, bho Pá (athair) agus Chó (math) ann am Muisca.[5]

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 25,414 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 11,917 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, 's e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Pacho (is mòran dhuibh mestizos). 'S e Tùsanaich a th' ann an 0.1% agus tha 0.2 % dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 87% dhe na daoine ann am Pacho leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 21.6% dhe na dachannan.[8]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Pacho. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaochail Aquileo Parra Gómez (1825 - 1900), ceann-suidhe na dùthcha eadar 1876 agus 1878, ann am Pacho.

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann am Pacho

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Riaghaltas na Roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Fiosrachadh a' Chomhairle[dead link]
  4. Fray Bernardo Lugo[dead link]
  5. Fiosrachadh a' Chomhairle[dead link]
  6. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  7. Cololmbia Virtual
  8. Bileag fhiosrachaidh DANE
  9. Country Studies: Colombia
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: