Pāli

O Uicipeid
Pāli
पाळि
Far a bheil i 'ga bruidhinn
  • marbh
Teaghlach-chànan

Innd-Eòrpach

Siostam-litreachaidh Brāhmī
Aibidil Ròmanach
Còdan Cànan
ISO 639-1 pi
ISO 639-2 pli
ISO 639-3 pli

'S e cànan den gheug Innd-Iorànach den teaghlach Innd-Eòrpach a tha ann am Pāli. Bho chian bhathar ga bruidhinn anns na h-Innseachan. Ged nach eil luchd-labhairt màthaireil aice an-diugh, thathar ga cleachdadh ann an sgrìobhaidhean agus ann an ùrnaighean-choitcheann ann an Cambuidea, Bangladais, Dùthaich nan Tàidh, Làthos, Mianmar, Neapàl, Sri Lanca agus anns na h-Innseachan.

Tha na sgriobtairean as tràithe mu dheidhinn a' Bhudda sgrìobhte ann am Pāli, mar a chaidh a chruinneachadh ann an Tipitaka no ann am Pāḷi Canon. Tha an Theravada Buddhism ga cleachdadh anns na h-ùrnaighean aca.

Bàrr na duilleage: teacsa ann an a Sanskrit (praise of Vishnu), sgrìobhte ann an Devanāgarī. Bonn na duilleige: Teacsa ann am Pāli. (ann an C. Faulmann: Illustrierte Geschichte der Schrift (1880)