Osman I
| Osman I | |||
|---|---|---|---|
|
| |||
27 dhen t-Sultain 1299 - 21 dhen Lùnastal 1324 - Orhan → | |||
| Beatha | |||
| Breith | Söğüt, 23 dhen Lùnastal 1258 | ||
| Dùthaich | Impireachd nan Otomanach | ||
| Ciad chànan |
Old Anatolian Turkish (en) | ||
| Bàs | Söğüt, 1 dhen Lùnastal 1326 | ||
| Àite-adhlacaidh | Bursa | ||
| Teaghlach | |||
| Athair | Ertuğrul | ||
| Màthair | Halime Hatun | ||
| Cèile |
Rabia Bala Malhun Khatun (en) Mal Hatun (mul) | ||
| Clann |
liosta
| ||
| Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
| Fine | Rìgh-shliochd nan Otomanach | ||
| Foghlam | |||
| Cànain |
Old Anatolian Turkish (en) Arabais | ||
| Dreuchd | |||
| Dreuchd |
governor (en) | ||
| Creideamh | |||
| Creideamh | Ioslam Sunnitheach | ||
B' e neach-stèidhichidh agus ceannard na Osmanlı Beyliği/Osmanlı Hanedanı (Gàidhlig: Moraireachd Osmain) a bh' ann an Osman Bey (ainmean eile: Osman Gazi, Osman Han, Tuircmeanais: Osman Gazi, Söğüt 1258 - Bursa 1324).[1] 'S e esan a thoisich Impireachd nan Otomanach agus fiù 's thug e ainm dhan Impireachd fhèin. Bhuineadh e dhan treubh Thurcach Oghuz, a ghabh ri Ioslam san 10mh Linn agus a ràinig Aisia Bheag san 11mh Linn. Nuair a thoisich e a bhith na righ cha b' ann ach rìoghachd bheag a bh 'aige ach nuair a chaochail e bha an stàit mòran na bu mhotha, a' sìneadh air san Tuirc an latha an-diugh is a' gabhail a-steach Bilicik, Domaniç, Eskişehir, Göyünk, İnegöl agus Söğüt fhèin.[2] Mar mhulsamach, bha ainm Arabais aige: عثمان (Uthmān). Ann an Turcais thathar a' cleachdadh Osman mar ainm pearsanta, ach b' e Otoman le /t/ a chaidh a chur air an dùthaich.[3]