Jump to content

Olha Kameneva

O Uicipeid
Olha Kameneva
Beatha
Breith 1883
Dùthaich Impireachd na Ruise
 An t-Aonadh Sobhiatach
Bàs Oryol (en) Translate, 11 dhen t-Sultain 1941
Nàdar a’ bhàis unnatural death (en) Translate
Teaghlach
Athair David Bronstein
Màthair Anna Bronstein
Cèile Lev Kamenev (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Foghlam
Cànain Fraingis
Dreuchd
Dreuchd salonnière (en) Translate
Ballrachd Union of Soviet Societies for Friendship and Cultural Relations with Foreign Countries (en) Translate
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Làbarach Deamocratach Sòisealach na Ruise

B' e neach-poileataigs agus rèabhlaideach Marxach Ucraineach/SobhiatachIùdhach a bh' ann an Olha Davidivna Kameneva (Ucràinis: Ольга Давидiвна Каменева, ainm tùsail: Ольга Давидiвна Бронштейн/Olha Davidivna Bronstein, Bereslavka, 1883 - Oryol, 11 an t-Sultain 1941).[1] B' i piuthar Leon Trotsky a bh' innte. Ghabh i ann an Pàrtaidh Làbarach Sòisealta Deamocratach na Ruise ann an 1902 agus phòs is aig Lev Kamenev beagan an dèidh sin. Chaidh an dithis chun na h-Eilbheise ann an 1908 agus iad nan deasaichean air Proletary (Gàidhlig: Mòr-shluaghach), pàipear-naidheachd Bolshevik a bha mì-laghail san Ruis fhèin. Thill iad gu Sankt Peterburg ann an 1914 far an robh iad an sàs ann am poileataigs agus nan deasaichean air Pravda. An dèidh Rèabhlaid na Dàmhair 1918 b' e Kameneva a bha os cion Roinn Taigh-cluiche Coimiseanaireachd an t-Sluaigh airson Foghlam (Ruisis: Народный комиссариат просвещения). Eadar 1921 agus 1928 bha Kameneva aig teas-mheadhain conaltradh an Aonaidh Sobhiataich còmhla ri dùthchanan an Iar.[2] Nuair a thuit Trotsky, thuit Kameneva. Dhìobradh o Mhosgo agus Leningrad ann an 1935 i air òrdughan Stalin agus, anns an dealachadh, chuireadh gu bàs i ann an 1941.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Sheila Fitzpatrick: The Commissariat of Englightment. Soviet Organization of Education and the Arts under Lunacharsky. Cambridge University Press, Cambridge, 2002, ISBN 0-521-52438-5, S. 18.
  2. Wood, Elizabeth A.; The Baba and the Comrade: Gender and Politics in Revolutionary Russia, Indiana University Press, (1997), pg. 80-81, ISBN 0-253-21430-0