Jump to content

Occitania

O Uicipeid
Mapa Occitania

'S e roinn culturail agus eachdraidheil ann an ceann iar-dheas na h-Eòrpa a tha ann an Occitania. Tha Occitania a' gabhail a-steach trian as deasaiche na Frainge, an Gleann Aran anns an Spàinn, Monaco, agus pàirtean beaga dhen Eadailt.

O chionn dà mhìle bliadhna, bha a' mhòr-chuid de dh'Occitania ann an Gallia Aquitania, roinn Impireachd na Ròimhe.

Mapa Occitanie

Chaidh roinn mhòr na Frainge air a bheil Occitanie a chruthachadh ann an 2016 bho Languedoc-Roussillon agus Midi-Pyrénées.[1] Chan ionann crìochan na h-Occitanie agus crìochan na h-Occitania.

Ogsatanais an àite

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Ogsatanais agus a dual-chainntean aice a' buntainn do dh'Occitania.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. https://www.laregion.fr/Petite-histoire-des-collectivites-regionales”. Région Occitanie. Air a thogail 4mh dhen Mhàrt 2021.