Nocaima
Dùthaich | Coloimbia |
---|---|
Sgìre riaghaltais ionadail | Cundinamarca |
Domhan-leud is -fhad | 5°4′13″N 74°22′41″W |
Cànan obrach no ainm | Cariban |
Làrach-lìn | http://www.nocaima-cundinamarca.gov.co/index.shtml |
'S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th' ann an Nocaima (IPA: noˈkaima). Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha aig 1,105m os cionn ìre na mara agus 67km air falbh bho Bhogotá. 'S e baile le gnàth-shìde gu math comhartail a th' ann an Nocaima, agus tha teodhachd mheadhanach mu 22.4˚ aige.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1605.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha dìreach 1,842 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 5,852, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math àbhaisteach a th' ann an seo. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Nocaima, ach tha 0.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 88.9% dhe na daoine ann an Nocaima leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 15.3% dhe na dachannan.[6]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]B’ e na Panches a bh’ ann an seo mus do ràinig na daoine às An Spàinn. Shabaid iad gu cruaidh an aghaidh nam Muisca, agus an uair sin an aghaidh nan Spàinnteach. Stèidheachadh am baile mar thèarmann thùsanach ann an 1605 airson nan Tùsanach à Nocaima fhèin, Chapaima, Ubima, Calamoima, Pinzaima agus Nimima. Chaidh eaglais a thogail airson nan daoine geala ann an 1777. ‘S e na mèinnean – laghail agus neo-fhoirmeil – a bha aig teis mheadhain eaconomaidh na sgìre fad an 19mh Linn. Bha cath an seo ann an 1899 ann an Cogadh na Mìle Làithean[7] eadar na Libearalaich fo Atanasio Martínez agus na Tòraidhean fo Zenón Figueredo agus bha Enrique Olaya Herrera, ceann-suidhe na dùthcha bho 1930 gu ruige 1934 an lùib cuideachd.
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Nocaima. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis na Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mapa na Roinne
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Climate Data
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Historia de Colombia
- ↑ Country Studies: Colombia