Jump to content

Niteworks

O Uicipeid
Niteworks aig Fèis Rudolstadt ann an 2017 is Ellen NicDhòmhnaill a' seinn.

'S e còmhlan-ciùil às an Eilean Sgitheanach a th' ann an Niteworks, agus canar cuideachd Obair Oidhche riutha. Bidh iad a' sgrìobhadh òran sa Ghàidhlig agus a' cleachdadh òran traidiseanta agus ceòl na pìoba agus gam measgachadh le ruitheaman techno no house[1].

Chaidh an còmhlan a stèidheachadh tràth anns a' bhliadhna 2008. Goirid às dèidh dhaibh tòiseachadh bhuannaich iad corra duais, nam measg an duais Rapal airson òran ùra. leis an òran "Nam Aonar san Fonn". Tha ainm a' chòmhlain a' tighinn bho aithris seann Ghàidheil a tha a' toirt iomradh air "obair oidhche"[2].

Tha Niteworks air a bhith a' cluich an òrain aig Runrig "Chì mi 'n Geamhradh" agus tha iad air a bhith a' sgrìobhadh òran anns an dà chuid, Beurla agus Gàidhlig.

Tha an còmhlan air a bhith a' cluich aig iomadh fèis ciùil Albannach, mar Rockness, Knockengorroch agus Tartan Heart Festival. B' iad a' phrìomh còmhlan air àrd-ùrlair nan Eilean aig Fèis Innse Gall ann an 2011, agus chanadh gur iad còmhlan na h-oidhche[3] agus cuideachd ann an 2012 agus 2015. Chluich iad ann an taigh làn aig Òran Mòr Ghlaschu ann an 2012 agus 2015, mar phàirt den fhèis Celtic Connections. A bharrachd air sin bidh iad ag obair mar DJ bho àm gu àm.

Chaidh a' chiad clàr aca "Obair Oidhche" a chur air bog air 15 Dàmhair 2011. Tha àireamh an luchd-leantainn air fàs bhon uair sin.

Anns an Dàmhair 2015 chuir iad a' chiad albam aca, NW, air bog ann an taigh làn aig SW3 Warehouse Ghlaschu. Tha an t-albam seo a' tarraing air tùsan a' chòmhlain san Eilean Sgitheanach agus an cuid àraich Ghàidhlig. Tha coimeas air a dhèanamh leis a' cheòl chliùiteach aig Martyn Bennett[4]

Chuir iad ris an t-soirbheas aca le bhith a' fosgladh na h-oidhche aig na Scottish Trad Music Awards san Dùbhlachd 2015[5].

Thuirt iad gun sguir iad a chluich ann an 2024.[6]

Buill a' chòmhlain

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Aonghas Strachan (guth/meur-chlàr)
  • Ailean Dòmhnallach (pìob/meur-chlàr)
  • Crìsdean MacNeacail (beus)
  • Ruairidh Greumach (drumaichean)
  • A' Ghrian (2022)[7]
  • Air Fàir an Là (2018)
  • NW (2015)
  • Niteworks : Obair Oidhche (2011)

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. "School Pupils set to take stage with Niteworks". Hebridean Celtic Festival Trust. 8 July 2011. Retrieved 12 August 2011.
  2. "Knockengorroch". Retrieved 12 August 2011.
  3. "HebCelt Thursday evening". Folk and Roots - Festivals 2011. 15 July 2011. Retrieved 12 August 2011.
  4. http://www.heraldscotland.com/arts_ents/14178760.Niteworks__NW__Comann_Music_/?ref=rss
  5. http://www.scotsman.com/lifestyle/culture/music/gig-review-mg-alba-scots-trad-music-awards-2015-1-3968142
  6. Niteworks a' stad an ath-bhliadhna”, Naidheachdan a' BhBC. 23mh dhen t-Samhain 2023. Air a thogail 27mh dhen t-Samhain 2023. 
  7. Honigmann, David: “Niteworks: A’ Ghrian — folk meets electronic textures”, Financial Times. 14mh dhen Fhaoilleach 2022. Air a thogail 8mh dhen t-Samhain 2022. 

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: