Jump to content

Nițchidorf

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Niţchidorf)
Nițchidorf
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Banat
Sgìre Timiș
Co-chomharran 45° 35’ Tuath
21° 32′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 64.13 km²
Àireamh-shluaigh 1,570 (2007)
Dlùths 24.48/km²
Àireamh fòn 256
Duilleag oifigeil http://www.primarianitchidorf.ro/

‘S e baile agus sgìre dùthchasail air an àirde an iar Romàinia a th’ann an Nițchidorf, (Gearmailtis: Nytzkydorf, Ungairis: Niczkyfalva). Tha e suidhichte aig 132m os cionn ìre na mara anns an t-siorramachd (Ròmainis: Județ) Timiș, anns an sgìre còmhnard rèidh ris an canar Banat, aig astar dhe dìreach 30km bho Thimișoara agus 381km bho Bhucuresți, prìomh-bhaile na dùthcha.[1] Tha 1,570 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1784 leis an Iarla Kristóf Nytzky.[2] ‘S e Gearmailtis an cànan a bha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Nitzkydorf gu ruige 1977, nuair a thoisich an deachdaire Nicolae Ceaușescu ri Gearmailtich a reic dhan Ghearmailt. ‘S e baile le mòr-chuid Romàinianach a th’ ann an latha an-diugh. Tha bun-sgoil, bùth a’ cheimigear, fiaclairean, dotairean, dotairean-caoraich, leabharlann agus trì eaglaisean anns a’ bhaile.[3] A bharrachd air Nițchidorf fhèin tha dà chlachain eile am broinn na sgìre, Blajova agus Duboz.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Sluagh a’ bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]
Atharrachaidhean Cinnidh ann an Nitzkydorf
Bliadhna Romàinianaich Gearmailtich Ungairich Roma Eile Gu Lèir
18801,0151,80319N/A242,861
19101,2262,12371N/A353,455
19411,0352,07829N/A153,157
19779561,13114-52,106
19921,4115921-641,555
20021,46519327611,584

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Distance Calculator
  2. Comhairle Thimiș
  3. Comhairle Thimiș

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]