Na h-Eileanan Balèarach
Illes Balears
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Palma de Mallorca | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 4,992 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,106,049 (2014) | ||||
Dlùths | 221.56/km² | ||||
Àireamh fòn | + (971) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e buidheann de dh' eileanan a tha anns na h-Eileanan Balèarach[1], na h-Eileanan Balèaric[1] na h-Eileanan Balearic[2], neo Na h-Eileanan Bailearach (Catalanais: Illes Balears, IPA: iʎəz bələˈas, Spàinntis: Islas Baleares). Tha iad suidhichte mu cheud cilemeatair bho chladach na Spàinne anns a' Mhuir Mheadhanaich. Tha iad a' gabhail a-steach mu cheud 's gu leth eilean gu lèir. Tha iad sgapte thar 5,014 cilemeatair ceàrnagach, eadar 40° 05' 17" agus 38° 40' 27" tuath agus 1° 17' 23" an ear. Tha ceithir eileanan mòra ann: Mallorca (Mallorca sa Catalanais), Menorca (Menorca), Ibiza (Eivissa), agus Formentera. A-rèir cùnntas shluagh anns a' bhliadhna 2006 bha 1,001,062 duine a' fuireach anns na h-eileanan gu lèir. Tha 1,239 km a dh'fhaid ann an oirthir na h-eileanan le pailteas tràighean freagarrach airson snàmh. Tha spòrsan mara agus bàtaichean air màl ann cuideachd. Mar sin tha roinn na turasachd gu math làidir anns na h-Eileanan Balèarach. Anns a' bhliadhna 2007 bha 13,27 millean neach turas a' tadhail orra, gu h-àraidh luchd turais às a' Ghearmailt (29,4 % neo 3,9 millean[3]). Tha ceàird ann mar obair-gloinne, fuaigheal, àirneis, neamhnaidean-brèige, bèin, caisbheart, seudan, iarann toinnte agus nithean fiodh. 'S e iasg agus maorach nam biadh traidiseanta, tha annlann shònraichte ann air feòil chaorach agus muice. Tha isbeanan ionadail ann ris an canar sobrasada agus longanzia. Tha na h-Eileanan Balèarach nan ceàrn na Spàinne agus 's e Palma de Mallorca prìomh-bhaile nan Eileanan Balèarach. Tha da chànan oifigeil ann: Spàinntis agus Catalanais. Tha Oilthigh nan Eileanan Balèaric ann am Palma de Mallorca. Tha ochd puirt gnìomhachas ann agus nas motha na 40 port airson spòrs. Tha trì puirt adhair ann: Palma de Mallorca, Máhon agus Ibiza. Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh.
Na sgìrean as motha
[deasaich | deasaich an tùs]Seo liosta de na sgìrean as motha a tha anns na h-Eileanan Balèarach:
Sgìre | Ainm Spàinnteach | Àireamh-shluaigh (2007) |
Eilean |
---|---|---|---|
Palma | Palma de Mallorca | 383.107 | Mallorca |
Calvià | Calviá | 47.934 | Mallorca |
Eivissa | Ibiza | 44.114 | Ibiza |
Manacor | Manacor | 37.963 | Mallorca |
Llucmajor | Lluchmayor | 33.222 | Mallorca |
Marratxí | Marrachí | 31.120 | Mallorca |
Maó | Mahón | 28.284 | Menorca |
Santa Eulària des Riu | Santa Eulalia del Río | 28.361 | Ibiza |
Inca | Inca | 28.306 | Mallorca |
Ciutadella | Ciudadela | 28.017 | Minorca |
Sant Josep de sa Talaia | San José | 20.136 | Ibiza |
Sant Antoni de Portmany | San Antonio Abad | 19.889 | Ibiza |
Felanitx | Felanich | 17.443 | Mallorca |
Alcúdia | Alcudia | 17.435 | Mallorca |
Pollença | Pollensa | 16.570 | Mallorca |
Sóller | Sóller | 13.194 | Mallorca |
Sa Pobla | La Puebla | 12.141 | Mallorca |
Son Servera | Son Cervera | 11.392 | Mallorca |
Santanyí | Santañy | 11.720 | Mallorca |
Capdepera | Capdepera | 10.885 | Mallorca |
Andratx | Andraitx | 10.939 | Mallorca |
Ceanglaichean a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]- Riaghaltas nan Eileanan Balèarach
- Illes Balears - Duilleag oifigeil Ionad turasachd nan Eileanan Balèarach
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 “Iùil cuairtean Culturach nan Roinnean Eòrpach”; Neach-foillseachaidh: Buidhne Stéidhichte airson Turasachd an AER”, foillsichte aig MACULART, S. A. , Barcelona, 1995, ISBN 84-87722-19-9
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Iris „Mallorca Magazin – Spezial Berlin“, an t-Iuchar 2008, duilleag 6
Andalusia • Aragón • Asturias • Na h-Eileanan Balèarach • Na h-Eileanan Canàrach • Cantàbria • Castilla-La Mancha • Castilla y León • Catalòinia • Co-chomann València • Dùthaich nam Basgach • Extremadura • A' Ghàilis • Madrid • Melilla • Murcia • Nafarroa • La Rioja • Ceuta