Mìcheal Ruiseal
Tha Mìcheal Ruiseal (Beurla: Michael William Russell) BPA (rugadh 9 an Lùnastal 1953) 'na neach-poileataigs de chuid Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Tha e 'na Bhall de Phàrlamaid na h-Alba, a' riochdachadh Earra-Ghàidheal agus Bòd, agus bha e 'na Runaire a' Chaibineit airson Foghlaim agus Ionnsachaidh Fad-beatha ro 2014. An dèidh don Reifreann mu bhallrachd Bhreatainn san Aonadh Eòrpach 2016 chaidh e 'na Mhinistear airson Còmhraidh RA air Àite na h-Alba anns an Eòrpa. Tha e 'na shuidhe ann an Caibineat Riaghaltas na h-Alba.[1] Tha companaidh telebhisein aige, Eala Bhàn, agus tha e air seachd leabhraichean a sgrìobhadh.
Tha e air a' Ghàidhlig a ionnsachadh gu fileantachd. Tha e air taic mhór a thoirt don Ghàidhlig sa Phàrlamaid, gu h-àraid leis a' chiad Bile na Gàidhlig ann an 2002. Ann an 2010, thug e seachad òraid sa Ghàidhlig ann an Comhairle na h-Eòrpa, a chiad uair a chaidh sin a dhèanamh.[2][3]
Ann an 2009 thug e seachad Òraid an t-Sabhail aig Sabhal Mòr Ostaig.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “New Minister Appointment”. Riaghaltas na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Lùnasdal 2016.
- ↑ "European Council landmark for Gaelic". BBC News. 9 May 2010. Retrieved 2012-05-02.
- ↑ "Mike Russell addresses EU meeting in Gaelic". BBC News. 11 May 2010. Retrieved 2012-05-02.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Pàrlamaid na h-Alba: Mìcheal Ruiseal BPA
- Sabhal Mòr Ostaig a’ comharrachadh 40 bliadhna[dead link], òraid le Mìcheal Ruiseal ann an 2003]
- BBC Naidheachdan 2020-02-02: “Call” gu bheil Mìcheal Ruiseal gus Holyrood fhàgail