Jump to content

Murfatlar

O Uicipeid
Murfatlar
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Constanța
Co-chomharran 44° 22 49' Tuath
25° 00 50' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 69.25 km²
Àireamh-shluaigh 10,216 (2011)
Dlùths 147.52/km²
Àireamh fòn +40 241
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile beag eadar Călărași agus Constanța, ann an ceann a deas Romàinia a th' a ann am Murfatlar (IPA: murfatˈlar) Tha e suidhichte ri taobh a' Canàil Dunăre–Marea Neagră, aig 90m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Constanța. Tha 10,216 duine a' fuireach ann.[1] 'S ann ainmeil 's a tha Murfatlar air feadh an t-saoghail airson an fìona a thathar a' dèanamh an seo.[2] Tha am baile beag Siminoc (seann ainm: Turc-Murfat) fo sgàil Mhurfatlar airson adhbharan rianachdail. 'S ann à ainm fhlùir Helichrysum arenarium (siminoc ann an Romàinis) a tha.

'S ann às an fhacal mürvet (Gàidhlig: fialaidh) ann an Turcais s' a tha ainm a' bhaile.[3] A dh'aindeoin sin, tha cuid eile ag ràdh gur ann à ainm thighearna Turach, air an robh Ali Murfat, 's a tha an t-ainm. Chanadh Mircești anns an meadhan aoisean. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1864. Chanadh Basarabi ris eadar 1924 agus 1965, air sgàth 's gu robh connspaid phoiliteagach ann eadar Libearalaich agus Luchd na Tuatha. Chleachdadh an t-ainm Basarabi a-rithist bho 1980 gu 2007 fo bhuaidh Nicolae Ceauşescu agus Pàrtaidh Comunnach Romàinia, leis go robhar dhen bheachd gu robh Basarabi mòran na bu Romàinianiche na Murfatlar. Bha siostam uamhan air an lorg fon talamh an seo ann an 1957, le tobhtaichean às na meadhan aoisean: a' chiad eaglais na dùthcha agus mannastir Bulgàirianach nam measg.[4] Thathar cuideachd air tobhtaichean thaighean - air an togail ann an 992 - a lorg san sgìre. Thogadh Canàl tron sgìre eadar 1976 agus 1987 eadar an Abhainn Danube agus A' Mhuir Dhubh. B' e prìonsanaich poiliteagach a chleachadh mar luchd-obrach ach chaochail iad nam mìltean tro obair chruaidh.[5]

Àireamh-shluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

À rèir Cunntas-shluaigh 2011 tha 8,657 Romàinianaich (89.86%), 547 Tataraich (5.68%), 236 Rroma(2.45%), 134 Turcaich (1.39%), 9 Ungairianaich (0.09%), 3 Aromàinianaich (0.03%), 16 eile (0.17%), agus 32 gun chinneadh aithnichte (0.33%) a' fuireach ann am Murfatlar.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Institutul Național de Statistică.
  2. Stațiunea Murfatlar
  3. Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
  4. I. Barnea, V. Bilciurescu. Şantierul arheologic Basarabi (Constanța), Materiale şi cercetări arheologice, Bucharest, 1959.
  5. Canalul morții, Ion Cârja, Eabhraig Nuadh, 1974, ISBN: 9732304006.