Muir Mharmara
| Muir Mharmara | |
| Suidheachadh | |
| Ainm dùthchail | Marmara Denizi |
| Seòrsa | Muir |
| Farsaingeachd | 11,350 km2 |
| Fad | 280km |
| Leud | 80km |
| Mòr-roinn | Aisia/Roinn-Eòrpa |
| Dùthaich | |
| Làrach-lìn | Çevre ve Șehircilik Bakanliği |
'S e muir staigh-thìr anns an Tuirc a th' ann am Muir Mharmara (Turcais: Marmara Denizi). Tha i suidhichte eadar Àisia agus an Roinn-Eòrpa anns an roinn Marmaris agus 's e an ceangal mara eadar am Muir Àigeanach/na Dàrdainealan agus a' Mhuir Dhubh/Bòsfaras a th' ann. Tha a' mhuir 280km a dh'fhaide agus 80km a leud. Chan eil a' Mhuir Mharmara cho domhainn, dìreach 494m thar cheann, ged a tha i mòran nas doimhne ann an corra àite, fiù 's 1,370. Tha salannachd mheadhanach aice, 38psu.[1] Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gun do chruthaicheadh a' Mhuir Mharmara mu 5600 RC, nuair a bha ìre na mara a' sìor-fhàs an dèidh Linn na Deighe.[2] B' e loch mòr a bh' innte ro làimh.
Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo idir cho soilleir, tha e coltach gur ann à μάρμαρον (Gàidhlig: marmor) ann an Greugais a tha an t-ainm.[3]