Jump to content

Bòsfaras

O Uicipeid
Bòsfaras
Suidheachadh
Ainm dùthchail Boğaziçi
Seòrsa Caol
Fad 110km
Leud 5km - 53km
Mòr-roinn Àisia/Roinn-Eòrpa
Dùthaich An Tuirc
Làrach-lìn Çevre ve Șehircilik Bakanliği

'S e caolas anns an Tuirc a th' ann am Bòsfaras (Turcais: Boğaziçi, IPA: boːaziˈt͡ʃi). Tha e suidhichte eadar Àisia agus an Roinn-Eòrpa anns an roinn Marmaris agus 's e an ceangal mara eadar a' Mhuir Mharmara agus a' Mhuir Dhubh a th' ann. Tha an Caolas 31km a dh'fhaide (eadar Rumeli Feneri is Anadolu Feneri gu tuath agus Ahırkapı Feneri is Kadıköy İnciburnu Feneri gu deas) agus eadar 3.3km a leud gu tuath agus dìreach 2.8km gu deas. Chan eil am Bòsfaras idir domhainn, dìreach 13m (à Aşiyan) agus 110m (eadar Kandilli is Bebe). Tha salannachd mheadhanach aige, eadar 15.01psu agus 18.64 psu.[1] Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gun do chruthaicheadh am Bòsfaras mu 5600 RC, nuair a bha ìre na mara a' sìor-fhàs an dèidh Linn na Deighe.[2]

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo idir cho soilleir, tha e coltach gur ann à βοῦς (Gàidhlig: cluas) agus πόρος (caolas) ann an Greugais a tha an t-ainm.[3] Bheireadh sin Caolas nan Damh dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.

Thogadh drochaid tarsainn a' Chaolais ann an 1973.[4]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Harvard
  2. Ryan, W.B.F., Pitman, W.C.; et al. (An Giblean 1997). "An Abrupt Drowning Of The Black Sea Shelf". Marine Geology 138: 119–126.
  3. Adiyamanli
  4. KGM