Jump to content

Wolfgang Amadeus Mozart

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Mozart)
Wolfgang Amadeus Mozart
Beatha
Ainm slàn Joannes Chrysostomus Wolfgangus Theophilus Mozart
Breith Salzburg, 27 dhen Fhaoilleach 1756
Dùthaich Prince-Archbishopric of Salzburg
Àrd-diùcachd na h-Ostaire
Ìmpireachd Naomh na Ròimhe
Àite-fuirich Mozart's birthplace (en) Translate
Ciad chànan Gearmailtis
Bàs Vienna agus Rauhensteingasse (en) Translate, 5 dhen Dùbhlachd 1791
Àite-adhlacaidh Cladh St. Marx
Nàdar a’ bhàis  (unknown value)
Teaghlach
Athair Leopold Mozart
Màthair Anna Maria Mozart
Cèile Constanze Mozart  (4 dhen Lùnastal 1782 -  5 dhen Dùbhlachd 1791)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Mozart family (en) Translate
Foghlam
Cànain Gearmailtis
Eadailtis
Beurla
Fraingis
Laideann
Luchd-teagaisg Johann Schobert (en) Translate
Johann Christian Bach (mul) Translate
Leopold Mozart (mul) Translate
Giovanni Battista Martini (en) Translate
Oileanaich Johann Nepomuk Hummel (en) Translate
Franz Xaver Süssmayr (en) Translate
Barbara Ployer (en) Translate
Thomas Attwood
Ignaz von Seyfried (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd ceòl-sgrìobhaiche, tidsear ciùil, cluicheadair piàna, neach-ciùil, organaiche agus cluicheadair fìdheallain
Àirde 1.63 meatair
Àitichean-obrach Salzburg, Vienna agus Olomouc
Fastaichean Count Hieronymus von Colloredo (en) Translate
Joseph II, Holy Roman Emperor (en) Translate
Obraichean comharraichte The Magic Flute (en) Translate
The Marriage of Figaro (en) Translate
Don Giovanni
Così fan tutte (en) Translate
Die Entführung aus dem Serail (en) Translate
Symphony No. 40 (en) Translate
Eine kleine Nachtmusik (en) Translate
Requiem (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Buaidh Johann Joseph Fux (mul) Translate agus Johann Sebastian Bach
Gluasad an linn chlasaigeach
Gnè ealain an linn chlasaigeach
sardana (en) Translate
ceòl-seòmair
opra
simphnidh
Inneal-ciùil organ
clabha-chòrd
cruit-chòrda
fortepiano (en) Translate
fìdheallan
ailt
piàno
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
IMDb nm0003665
Mozart na leanabh
Mozart

Bha Wolfgang Amadeus Mozart (27 am Faoilleach 17565 an Dùbhlachd 1791) ’na cho-ghleusaiche sa linn chlasaigeach, às an Ostair. Sgrìobh e barrachd air 600 pìosan obrach agus tha fèill mhòr air an obair aige fhathast. Bha e pòsta agus mhair dithis mhac dha beò. Chaochail e nuair a bha e 35 bliadhna a dh'aois agus tha miotas air a bhàs an-diugh. Tha an ceòl aig Mozart gu math ainmeil agus buadhmhor.

Beath-eachdraidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Bliadhnaichean tràth

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Mozart ann an Getreidegasse 9, Salzburg, san Ostair a rèir ainm na dùthcha sa là an-diugh.[1] B' e Leopold agus Anna Maria Perti Mozart a phàrantan. Bha piuthar na bu shine aige, Maria Anna (1751-1829), Nannerl a far-ainm. Bhaisteadh Mozart ann an Cathair-eaglais an Naoimh Rupert an là as dèidh a bhreith. B’ e Johannes Chrysostomus Wolfgangus Theophilus Mozart an t-ainm slàn a bh' air.

Bha athair à Augsburg. B' e Kapellmeister (maighstir-ciùil) ann an orcastra-cùirt a bh' ann airson Àrd-easbaig Salzburg. B' e co-ghleusaiche agus tidsear a bh' annsan cuideachd.

Thòisich a phiuthar air a’ phiàno ionnsachadh nuair a bha i 7, agus bha Mozart 3 bliadhna a dh'aois aig an àm. Choimhead Mozart air na leasanan. Thuirt a phiuthar:

Gu tric, chuir e seachad mòran ùine air a' chlabhier, a' cluich treasan [...] agus ghabh e tlachd às an fhuaim [...] Anns a' cheathramh bliadhna aige thòisich a athair, mar gheama, a theagaisg beagan minuet agus pìosan eile dha air a' chlabhier [...] B' urrainn dha an cluich gun mhearachd agus le maothalachd mhòr, agus tìm a chumail gu math. [...] Aig 5 bliadhna a dh'aois bha e a' sgrìobhadh phìosan beaga mu thràth agus sgrìobh a athair sìos iad.

Tha na pìosan sin ann an Nannerl Notenbuch (leabhar-nòta aig Nannerl).[2]

Nuair a dh’aithnich a athair comas a mhic, sguir e fhèin air ceòl a sgrìobhadh. B’ e Leopold an aon tidsear a bh’ aig Mozart. Theagaisg e ceòl, cànain, agus cuspairean sgoilearach eile dhan chloinn.

Na h-Oparan

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Die Schuldigkeit des ersten Gebots (Dleastanas na ciad àithne)
  • Apollo et Hyacinthus
  • Bastien und Bastienne
  • La finta semplice
  • Mitridate, re di Ponto
  • Ascanio in Alba
  • Il sogno di Scipione
  • Lucio Silla
  • La finta giardiniera (dà atharrachadh)
  • Il re pastore
  • Zaide
  • Idomeneo (dà atharrachadh)
  • Die Entführung aus dem Serail
  • L'oca del Cairo
  • Lo sposo deluso
  • Der Schauspieldirektor (Stiùiriche an taigh-cluich)
  • Le nozze di Figaro
  • Don Giovanni (dà atharrachadh)
  • Così fan tutte
  • Die Zauberflöte (An duiseal-dhraoidheachd)
  • La clemenza di Tito
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mozart's Birthplace”. Mozarteum Salzburg. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2019.
  2. Nannerl's Music Book (Mozart, Leopold)”. IMSLP/Petrucci Music library. Air a thogail 26mh dhen Fhaoilleach 2019.