Siorrachd Mhoireibh
Coltas
(Air ath-sheòladh o Moray)
Se tè den Siorrachdan traidiseanta na h-Alba a tha ann an Siorrachd Mhoireibh neo Siorrachd Eilginn.
'S e Eilginn a tha ann am prìomh-bhaile na siorrachd.
Chaidh a' chomhairle a chruthachadh le Achd an Riaghaltais Ionadail (Alba) 1890. Dh'atharraich an achd seo na crìochan eadar Moireibh, Siorrachd Bhanbh, agus Siorrachd Obar Dheathain. Chaidh Bealaidh gu Moireibh, agus Baile Chè, Both Sheirm is Inbhir Athfhinn gu Banbh. Bha atharraichean beaga cuideachd ann am parraistean a bha roinnte eadar Moireibh agus Siorrachd Inbhir Nis is Siorrachd Inbhir Narann.[1]
Bho 1974 gu 1996 ghabh i na pàirt den Roinn a' Mhonaidh agus an-dràsta tha a' mhòr-chuid na siorrachd ann an Comhairle Mhoireibh.
Bailtean ann an Siorrachd Mhoireibh
[deasaich | deasaich an tùs]- An Agaidh Mhòr
- Baile Bhàinidh
- Baile Chè
- Bucaidh
- Creag Eileachaidh
- Eilginn
- Am Fionn Ochdamh
- Gleann Lìobhait
- Inbhir Cuilinn
- Inbhir Losaidh
- Magh an Fhùcadair
- Obar Lobhair
- Port Chnocaidh
- Rathais
- Tom an t-Sabhail
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Royal College of Physicians of Edinburgh (1895): Guide to local government in counties, parishes, and burghs. Scott & Ferguson and Burness & Co, Dùn Èideann. Air a thogail 30mh dhen Lùnasdal 2023. Chan eil Achd an Riaghaltais Ionadail (Alba) 1890 air loidhne aig legislation.gov.uk fhathast.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Mapa le grunnan ainmean-àite bhon Ghàidhlig
- Taisbeanadh: Mac an Tàilleir, Iain (2023): “A’ Ghàidhlig ann am Moireibh”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 29mh dhen Lùnasdal 2023 (pptx).
- Pàipear: Mac an Tàilleir, Iain (2023): “A’ Ghàidhlig ann am Moireibh/Gaelic in Moray”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 29mh dhen Lùnasdal 2023 (pdf).