Port Chnocaidh
'S e baile ann am Moireabh a tha ann am Port Chnocaidh (Beurla: Portknockie). Tha am baile suidhichte air Linne Moireabh. 'S e Banbh, Bucaidh, Am Fionn Ochdamh agus Inbhir Cuilinn na bailtean a tha faisg air. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 42′ 13.61″ Tuath agus 2° 51′ 26.91″ Iar.
Ann an 2020 bha 1230 duine a' fuireach an seo.[1]
Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1677. Bha e ainmeil mar port iasgach sgadain anns an 19mh linn ach chan eil mòran bhàtaichean iasgaich air fhàgail an seo anns na làithean an diugh.
'S e àite inntinneach a tha ann am Bow Fiddle Rock. 'S e creag a th' ann a tha suidhichte dìreach mu 50 troigh air falbh bhon chòrsa. Tha e a’ coimhead mar bogha fidheall.
'S e àite eachdraidheil a tha ann an Green Castle, a tha suidhichte air rubha faisg air a’ mhuir. Chaidh a thogail mu 1000 RC agus bha daoine a’ fuireach ann gu 1000 AC. Tha tobhtaichean a’ chaisteil fhathast rim fhaicinn an-diugh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2024.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NJ 489 685