Creag Eileachaidh
'S e baile beag ann am Moireabh a tha ann an Creag Eileachaidh (Beurla: Craigellachie).[1][2] Tha am baile suidhichte aig Comar Uisge Spè agus Abhainn Fhiodhaich. Tha e suidhichte air an eadar-ghearradh de na mhòr-rathaidean A95 bho Bhaile Chè gu Obar Lobhair agus an A941 bho Rathais gu Baile Bhainidh. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 29′ 25.84″ Tuath agus 3° 11′ 21.77″ Iar.
Tha dà taigh-staile aige agus tha e na dhachaigh den Speyside Cooperage. Tha an uisge beatha ainmeil "Glenfiddich" a' tighinn à Gleann Fidhich a tha faisg air a' bhaile.
Chaidh Drochaid Chreag Eileachaidh a thogail le Thomas Telford ann an 1812–1814. B’ e deagh obair innleadaireachd a bha anns an drochaid aig an àm ud. Tha righle ann mun drochaid seo ris an canar Craigellachie Bridge Strathspey Reel.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Stòr-dàta SMO
- ↑ Alba le Roy Pedersen
- ↑ Ceòl Craigellachie Bridge Strathspey Reel
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Creag Eileachaidh aig Undiscovered Scotland
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NJ 287 451