Baile Bhainidh
'S e baile ann am Moireabh a tha ann am Baile Bhainidh (Beurla: Dufftown) [1], Baile Mhainidh neo Baile nan Dubhach[2]. Tha am baile suidhichte air bruach Abhainn Fhiodhaich. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 26′ 26.81″ Tuath agus 3° 7′ 34.07″ Iar.
Ann an 2001 bha 1,454 duine a' fuireach an seo.[3]
Chaidh am baile a chur air bhonn ann an 1817 le James Duff, 4mh Iarla Fìobha. Chuir esan an t-ainm "Dufftown" ris a' bhaile. Roimhe sin bha tuineachadh eile ann air an robh an t-ainm "Baile Bhàinidh" (Beurla: Balvenie).[4]
Tha caisteal ainmeil aige, Caisteal Baile Bhàinidh (Balvenie Castle)
Tha mòran taighean-stail ann am no faisg air Baile Bhainidh. 'S e am baile aon de na h-àitichean as ainmeile air feadh an t-saoghail airson uisge-bheatha na h-Alba.
Seo cuid de na taighean-stail:
- Balvenie Distillery
- Dufftown Distillery
- Glendullan Distillery
- Glenfiddich
- Kininvie Distillery
- Mortlach Distillery
Chan eil an Convalmore Distillery, am Parkmore Distillery agus am Pittyvaich Distillery ag obair an-diugh, chaidh an dùnadh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Stòr-dàta SMO
- ↑ Alba le Roy Pedersen
- ↑ Scotland's Census Result OnLine[dead link]
- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 41, Pàrlamaid na h-Alba
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Làrach-lìn Bhaile Bhainidh
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NJ 323 405