Jump to content

Mircean

O Uicipeid
Mircean
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Protista
Fìleam Heterokontophyta
Clas Phaeophyceae
Òrdugh Laminariales
Teaghlach Alariaceae
Gèineas Alaria
Spèiseas A. esculenta
Ainm saidheansail
Alaria esculenta (Linnaeus) Greville

'S e feamainn fhada a th' ann am mircean (alaria esculenta), a tha coltach ri crios.Gheibhear aig tràigh mhòr e, a chionn 's gum bi e a' fàs fada shìos ann am bonn a' chladaich. Canar gruaigean rithe cuideachd, ach 's e mircean a th' air ann an Leòdhas.[1]


Bithear ga ithe amh ann an grunn àiteannan fhathast- mar Alba is Èirinn. 'S e an rud cruaidh suas a mheadhain air fhad a thathas ag ithe amh (cas dhubh), agus a-rèir coltais, tha e car duilich a chagnadh. Thathas a' toirt dheth na h-oirean tana (an rùsg), gan rùsgadh dheth air gach taobh. [2]

'S e seo an seòrsa feamainn Eòrpach as dlùithe ri wakame, a gheibhear ann an Iapan, Coirea agus Sìona. 'S e wakame an t-ainm Iapanais air. Canaidh "rùsg" ris na h-oirean tana, "cas dhubh" ris a' ghais, agus "duilleach" ri na buinneagan. 'S e mekabu an t-ainm a th' air buinneagan Wakame ann an Iapanais.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Carmina Gadelic, Volume 2,t-d 291.
  2. Feum à Feamainn (DVD), Stòr-dàta Nàiseanta, Comhairle nan Eilean Siar.[1]

Ceangal a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]