Miðflokkurinn
| Miðflokkurinn | |
| Fiosrachadh | |
| Stèidheachadh | 24 an t-Sultain 2017 |
| Luchd-stèidheachaidh | Sigmundur Davíð Gunnlaugsson |
| Àite-Stèidheachaidh | Reykjavík |
| Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Talamhachd |
| Oifisean | Hafnarstræti 20, 101 Reykjavík |
| Cathraiche | Sigmundur Davíð Gunnlaugsson |
| Suidheachain | 9/63 |
| Riaghaltas | Luchd-dùbhlain |
'S e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bhios ann am meadhan speactram poilitigs na dùthcha 's a th' ann am Miðflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh Meadhannach). Cha deach a stèidheachadh ach air 24 an t-Sultain 2017,[1] nuair a sgar feadhainn on Framsóknarflokkurinn, air sgàth pholasaidhean a thaobh bhancaichean, a tha na trioblaid mhòr ann an Innis Tìle. Tha seachdnar riochdairean aige fhèin san Alþingi (pàrlamaid), còignear fireannaich agus tè,[2] a bharrachd air dithis eile a dh' fhàg Flokkur Fólksins an dèidh sgàinneal ann am bàr. B' e gu robh iad uile a' gabhail ri gnèitheachas agus chualas na beachdan sin ann an Klaustur Bar, a tha suidhichte air beulaibh an Alþingi, far an robh iad ag òl deoch làidir.[3] 'S e an treas fòrsa poileataigeach as motha san Alþingi a-nis, ach chan eil Miðflokkurinn air a bhith san riaghaltas fhathast. 'S e pàrtaidh a tha gu làidir an aghaidh an Aonaidh Eòrpaich a th'ann.
Taghaidhean dhan Alþingi
[deasaich | deasaich an tùs]Fhuair Miðflokkurinn seachd seataichean dhan Alþingi ann an 2017, a' chiad dol a-mach aig a' phàrtaidh.[4]
| Bliadhna | Bhòtaichean | % | Seataichean |
|---|---|---|---|
| 2017 | 21,335 | 10.9 | 7 |
