Jump to content

Mehmed III

O Uicipeid
Mehmed III
sultan Impireachd nan Otomanach

15 dhen Fhaoilleach 1595 - 22 dhen Dùbhlachd 1603
Murad III - Ahmed I
Beatha
Breith Manisa (en) Translate, 26 dhen Chèitean 1566
Dùthaich Impireachd nan Otomanach
Bàs Constantinople (en) Translate, 22 dhen Dùbhlachd 1603
Àite-adhlacaidh Tomb of Mehmed III (en) Translate
Teaghlach
Athair Murad III
Màthair Safiye Sultan
Càraid Handan Sultan (en) Translate
Halime Sultan (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Rìgh-shliochd nan Otomanach
Foghlam
Cànain Ottoman Turkish (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd riaghladair
Creideamh
Creideamh Ioslam

B' e treas Sultan deug Impireachd nan Otomanach a bh' ann am Mehmed III (tiotalan: Kayser-i Rûm - 'Cèasar an Roimhe', İki Kutsal Cami'nin Hizmetkârı - Neach-glèidhidh an dà mhosg, Manisa 26 an Cèitean 1566Istanbul 22 an Dùbhlachd 1603).[1] B' e a' chiad mhac Mhurad III agus Safiye Sultan, à Albàinia a bh' ann.[2] Bha e os cionn na dùthcha bho 1595 gus a chaochail e ann an 1603. Rugadh e nuair a bha a sheanair Süleyman I fhathast air an rìgh-chathair. Thoisich e a bhith na shultan is e a' chur a 19 bhràithrean gu bàs los gun seasadh iad na aghaidh.[3] Cha robh uidh aige air riaghladh na dùthcha leis gu robh e cho leisg leis a' chù agus b' e a mhàthair Safiye Sultan a dhèanadh an gnothach na àite. Le sin, cha b' urrainn dha còmhstri eadar a chuid mhinistearan a fhuasgladh. Bha an dùthaich ann an cogadh gu math cosgail fad 13 bliadhna an aghaidh na h-Ostaire fo na Habsburg gu ruige 1606. B' e cogadh gun toraidhean a bh' ann: bhuannaich na Otomanaich ann an Transsilvania ach chaill iad ann an Țara Românească an aghaidh Mihai Viteazul.[4] Cuideachd b' fheudar do Mhehmed III ar-a-mach a measg a chuid shaighdearan a chur sìos. Chaochail e gu math òg, aig 37 bliadhna a dh' aois, leis a' phlàigh no stròc.[5] Bha sianar mic aige, dithis dhuibh a bha nan sultain fhèin: Ahmed I agus Mustafa I.[6] Chan ann ach an t-ainm Arabais محمد (Muhammad) ann am foirm Turcais a th' ann Mehmed.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. All About Turkey
  2. Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire. Oxford: Oxford University Press
  3. Quataert, Donald. The Ottoman Empire, 1700–1922, p.90. Cambridge University Press, 2000. ISBN 0-521-63328-1
  4. Finkel, Caroline. Osman's Dream: The Story of the Ottoman Empire, p.175. Basic Books, 2005. ISBN 0-465-02396-7
  5. Börekçi, Günhan (2010). Factions And Favorites At The Courts Of Sultan Ahmed I (r. 1603-17) And His Immediate Predexessors.
  6. Tezcan, Baki. Searchimg For Osman: A Reassessment Of The Deposition Of Ottoman Sultan Osman II (1618-1622)