Mehmed III
| Mehmed III | |||
|---|---|---|---|
|
| |||
15 dhen Fhaoilleach 1595 - 22 dhen Dùbhlachd 1603 ← Murad III - Ahmed I → | |||
| Beatha | |||
| Breith |
Manisa (en) | ||
| Dùthaich | Impireachd nan Otomanach | ||
| Bàs |
Constantinople (en) | ||
| Àite-adhlacaidh |
Tomb of Mehmed III (en) | ||
| Teaghlach | |||
| Athair | Murad III | ||
| Màthair | Safiye Sultan | ||
| Càraid |
Handan Sultan (en) Halime Sultan (mul) | ||
| Clann |
liosta
| ||
| Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
| Fine | Rìgh-shliochd nan Otomanach | ||
| Foghlam | |||
| Cànain |
Ottoman Turkish (en) Arabais Peirsis Turcais | ||
| Dreuchd | |||
| Dreuchd | riaghladair | ||
| Creideamh | |||
| Creideamh | Ioslam | ||
|
| |||
B' e treas Sultan deug Impireachd nan Otomanach a bh' ann am Mehmed III (tiotalan: Kayser-i Rûm - 'Cèasar an Roimhe', İki Kutsal Cami'nin Hizmetkârı - Neach-glèidhidh an dà mhosg, Manisa 26 an Cèitean 1566–Istanbul 22 an Dùbhlachd 1603).[1] B' e a' chiad mhac Mhurad III agus Safiye Sultan, à Albàinia a bh' ann.[2] Bha e os cionn na dùthcha bho 1595 gus a chaochail e ann an 1603. Rugadh e nuair a bha a sheanair Süleyman I fhathast air an rìgh-chathair. Thoisich e a bhith na shultan is e a' chur a 19 bhràithrean gu bàs los gun seasadh iad na aghaidh.[3] Cha robh uidh aige air riaghladh na dùthcha leis gu robh e cho leisg leis a' chù agus b' e a mhàthair Safiye Sultan a dhèanadh an gnothach na àite. Le sin, cha b' urrainn dha còmhstri eadar a chuid mhinistearan a fhuasgladh. Bha an dùthaich ann an cogadh gu math cosgail fad 13 bliadhna an aghaidh na h-Ostaire fo na Habsburg gu ruige 1606. B' e cogadh gun toraidhean a bh' ann: bhuannaich na Otomanaich ann an Transsilvania ach chaill iad ann an Țara Românească an aghaidh Mihai Viteazul.[4] Cuideachd b' fheudar do Mhehmed III ar-a-mach a measg a chuid shaighdearan a chur sìos. Chaochail e gu math òg, aig 37 bliadhna a dh' aois, leis a' phlàigh no stròc.[5] Bha sianar mic aige, dithis dhuibh a bha nan sultain fhèin: Ahmed I agus Mustafa I.[6] Chan ann ach an t-ainm Arabais محمد (Muhammad) ann am foirm Turcais a th' ann Mehmed.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ All About Turkey
- ↑ Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire. Oxford: Oxford University Press
- ↑ Quataert, Donald. The Ottoman Empire, 1700–1922, p.90. Cambridge University Press, 2000. ISBN 0-521-63328-1
- ↑ Finkel, Caroline. Osman's Dream: The Story of the Ottoman Empire, p.175. Basic Books, 2005. ISBN 0-465-02396-7
- ↑ Börekçi, Günhan (2010). Factions And Favorites At The Courts Of Sultan Ahmed I (r. 1603-17) And His Immediate Predexessors.
- ↑ Tezcan, Baki. Searchimg For Osman: A Reassessment Of The Deposition Of Ottoman Sultan Osman II (1618-1622)