Mata Hari
Mata Hari | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Margaretha Geertruida Zelle |
Breith | Leeuwarden, 7 dhen Lùnastal 1876 |
Dùthaich | Frìoslann |
Àite-fuirich |
Innseachan Duitseach an Ear Province of Venice (en) Den Haag Madrid Prison Saint-Lazare (en) |
Bàs | Vincennes agus Château de Vincennes (en) , 15 dhen Dàmhair 1917 |
Nàdar a’ bhàis | peanas bàis (leòn peileir) |
Teaghlach | |
Athair | Adam Zelle |
Màthair | Antje van der Meulen |
Cèile | Rudolph MacLeod (11 dhen Iuchar 1895 - 1902) |
Clann |
liosta
|
Dreuchd | |
Dreuchd | cùirteasan, brathadair agus dannsair exoticeach |
Àirde | 173 centimetre |
Fastaichean |
Émile Guimet Deuxième Bureau (en) Georges Ladoux (2 dhen t-Sultain 1916 - |
Far-ainmean | Mata Hari agus H 21 |
Seirbheis san arm | |
Strì | An Cogadh Mòr |
IMDb | nm1299792 |
B' e dannsair agus tè-bhuairidh ainmeil às na Tìrean Ìsle a bh' ann am Mata Hari (fìor ainm: Margaretha Geertruida Zelle, Leeuwarden, 7 an Lùnasdal 1876 - Vincennes, 15 an Dàmhair 1917). Ghabhadh oirre gur e tè-bhràthaidh a bh' innte agus chuireadh gu bàs i le arm na Frainge ri linn a' Chogaidh Mhòir.
Teaghlach
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuineadh Mata Hari do theaghlach meadhanach beairteach à Fyslân ann an ceann an tuath na dùthcha. Bha bùth aig athair agus rinn esan tòrr airgid tro a chuid inbheistidhean ann an gnothach an ola. Chaidh M'greet bheag gu sgoiltean prìobhaideach leis a dithis bhràthair. Gu dòrainneach, bhristeadh gnothaichean athar ann an 1898. Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle eadar a pàrantan agus sgar iad. Chaochail a màthair ann an 1891 agus phòs athair a-rithis le tè air an robh Susanna Catharina ten Hoove, ann an Amsterdam ann an 1893. Chaidh Margaretha gu taigh a goistidh, a bha na thàmh ann an Sneek, faisg air Leeuwarden. Rinn i trèanadh airson a bhith na neach-teagaisg ann an Leiden. Dh'fheuch ceannard na sgoile a bheadradh rithe agus dh'fhàg i an sgoil.
Pòsadh
[deasaich | deasaich an tùs]Phòs i ri fear air an robh Rudolf MacLeòid ann an 1895, a bhuineadh do sheann theaghlach Ghàidhealach àrdanach uachdaranach a dh'fhàg Alba na linntean roimhe. 'S e oifigear an Airm thall anns an Innd-Innse, oir bha an dùthaich sin fhathast fo bhuaidh nan Tìrean Ìsle.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]