Maol Cheann-Dearg
Maol Cheann-Dearg | |
---|---|
Maol Cheann-Dearg bhon taobh tuath | |
Àirde (m) | 933 |
Àirde (tr) | 3,061 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Achadh na Seileach |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 25 |
Comharradh-clèithe | NG92454988 |
'S e beinn eadar Srath Carann agus Toirbheartan air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann anm Maol Cheann-Dearg. Tha e 933 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Gleann Carrann agus Gleann Toirbheartan. Tha an t-ainm a' toirt iomradh air dath na beinne a gheibh i bhon Chlach-ghainmhich Thoirbheartanach às a bheil i. Tha beinn eile ann le ainm coltach ris, 's e sin Maol Chinn-Dearg, ann an Cinn Tàile. Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho Na Cuileagan eadar Srath Carann agus Achadh na Seileach. Leanar an ceum a thèid a Thoirbheartan mus fàgar e gus dìreadh air a' bheinn. [1]. Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Toirbheartan, Beinn Eighe, Eilean Ratharsair, An t-Eilean Sgitheanach, A' Chomraich, Srath Carann, agus Loch Carrann.