Manachainn Rois
Manachainn Rois | |
Abaid ann am Manachainn Rois | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Co-chomharran | 57° 46′ 1.59″ Tuath 3° 57′ 20.89″ Iar |
Comharradh-clèithe | NH837769 |
Feartan fiosaigeach | |
Còd-puist | IV20 1 |
'S e clachan air a' Ghàidhealtachd a tha ann am Manachainn Rois (Beurla: Fearn).[1] Tha e suidhichte mu dhà mhìle (3 km) san àirde an iar-thuath air Baile an Todhair agus mu 8 mìle (13 km) ear-thuath air Inbhir Ghòrdain. Dìreach san ear-thuath tha Baile an Droma.
Nochd ainm a' bhaile mar Nova Farina ann an Laideann[2] agus a-rèir Dwelly chleachd muinntir an àite fhèin an t-ainm "a' Mhanachainn".[3]
Chaidh abaid a stèidheachadh deas air Caolas Dhòrnaich eadar Drochaid a' Bhanna agus Eadardan ann an 1221-1222 no timcheall air 1227 le Fearchar, Iarla Rois.[4] Ach timcheall air 1238 chaidh an abaid a ghluasad gu Manachainn Rois far a bheil i gus an latha an-diugh.[4] Chaidh i a leasachadh is ath-thogail eadar 1338 is1372 agus a-rithist anns an 15mh linn. Tro na bliadhnaichean dh'fhàs clachan beag faisg air an abaid, ach an-diugh chan eil taighean dlùth timcheall air an abaid ann tuilleadh.[4] Ann an 1742 bha tubaist ann, thuit mullach na h-abaide sìos am broinn na h-eaglaise. Chaidh mu 50 duine a mharbhadh, ach ann an 1771 bhathar a chàradh an abaid a-rithist.[5]
Tha stèisean-rèile ann air Loidhne Chinn a Tuath eadar Inbhir Ghòrdain agus Baile Dhubhthaich leis an ainm Fearn/Manachainn Ros, ach tha e suidhichte iar air agus nas fhaisge air Baile an Droma.[6][7][8] Chaidh an stèisean-rèile a thogail ann an 1864 le Joseph Mitchell agus Murdoch Peterson; an-diugh tha e clàraichte air liosta nan togalaichean clàraichte, roinn-seòrsa B.[9]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Manachainn Rois / Fearn”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-àite", Pàrlamaid na h-Alba, duilleag 48
- ↑ Faclair Dwellys
- ↑ 4.0 4.1 4.2 “Fearn Abbey”. Canmore. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “FEARN ABBEY” (Beurla). Clàr den Àrainneachd Eachdraidheil. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “Scotrail: Station Names 2015”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ “Fearn”. Rèile na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ Stèisean-rèile Mhanachainn Rois - Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH813781
- ↑ “FEARN RAILWAY STATION” (Beurla). Clàr den Àrainneachd Eachdraidheil. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2017.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Am baile - Abaid Mhanachainn Rois[dead link] (Gàidhlig)
- Gazetteer for Scotland - Manachainn Rois (Beurla)
- Undiscovered Scotland - Abaid Mhanachainn Rois (Beurla)