Magangué

O Uicipeid
Magangué
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Bolívar
Àirde 49m
Co-chomharran 9° 14' 29 Tuath
74° 45' 12 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,100 km²
Àireamh-shluaigh 121,515 (2005)
Dlùths 110.47/km²
Duilleag oifigeil Comhairle Mhagangué

'S e baile meadhanach anns an roinn Bolivar, Coloimbia, a th’ann am Magangué. Tha am baile suidhichte ri taobh na h-Aibhne Mhagdalena, air oirthir an tuath na dùthcha, 240km air falbh bho Chartagena de Indias. 'S e Magangué an 53mh baile as motha na dùthcha.[1] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1821.

‘S e baile uabhasach teth le gnàth-shìde thropaigeach a th' ann. Tha e dìreach sgoinneil airson na làithean saora, o chionns gu bheil e stèidhichte air bruaich na Magdalena, an abhainn as motha na dùthcha. Tha am baile suidhichte aig 49m os cionn ìre na mara agus 's e iasgach, cumail crodh agus Àiteachas a th' ann na gnìomhachasan as cudromaiche dhan bhaile. ‘S ann às an fhacal Tùsanach Maganguey a thàinig ainm a’ bhaile. Tha tòrr àite eachraidheil anns a’ bhaile, mar eisimpleir a’ chathair-eaglais “La Candelaria” (Spàinntis: La Catedral de la Candelaria), ri beulaibh na h-aibhne, agus Pàirce Aimearaga (Spàinntis: El Parque de Las Américas), a bharrachd air caochladh àite airson fealla-dhà mar na clubaichean, na taighean-bidhe agus rudan eile.

'S ann am Magangué a tha iomadh cheòladair ainmeil mar Chico Cervantes agus Martín Madera (a bhuanaich grammy) agus tha mòran chòmhlain ciùil ann dhen a h-uile seòrsa: cumbia, vallenato, ròc, pop tropaigeach agus reggeton.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 121,515 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 41,870 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. 'S e am baile leis an dlùths taobh àireimh-sluaigh as motha anns an dùthaich.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Magangué, chan eil Tùsanaich ann ach tha 15.5% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 82.3% dhe na daoine ann am Magangué leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 15.9% dhe na dachannan.[4]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Magangué. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Bailtean as motha na dùthcha
  2. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  3. Cololmbia Virtual
  4. magangué.pdf Bileag fhiosrachaidh DANE
  5. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]