Machair (tbh)

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

Bha Machair na shiabann-telebhisein Ghàidhlig air a dhèanamh le STV eadar Lùnastal 1992 agus Sultain 1996 agus air a chraoladh ann an Alba leis a' chompanaidh telebhisein Bhreatannach ITV. Bha ceithir fichead 's a naoi deug prògraman ann uile gu lèir agus chaidh an dèanamh air fad ann an Leòdhas anns na h-Eileanan Siar.

A-measg sgrìobhadairean na sreatha bha am bàrd ainmeil Aonghas 'Dubh' MacNeacail agus am measg nan cleasaichean bha Sìm MacCoinnich, Anna Mhoireach, Coinneach MacRàth, Donnchadh MacNèill agus Tony Kearney.