Luleå
Luleå
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Norrbotten | ||||
Sgìre | Norrbottens län | ||||
Co-chomharran | 65° 35 04′ Tuath 22° 09 14′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 29.09 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 46,607 (2010) | ||||
Dlùths | 1,602.17/km² | ||||
Àireamh fòn | (+46) 0920 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.lulea.se/ |
‘S e baile meadhanach agus port faisg air Boden ann an ceann a tuath na Suaine a th’ ann an Luleå (IPA: ^leʉːɽ, Davvisámegiella: Luleju, julevsámegiella: Julevu, Suomais: Luulaja). Tha e suidhichte ann an tairbeart eadar Loch Luleälven agus Bottenviken, ri taobh na Mara Bhaltaich eadar Piteå agus Kemi (Suòmaidh), anns an sgìre Norrbottens län,[1] 396km air falbh bho Helsingborg, 128km bho Uppsala agus 317km bho Ghöteborg. Tha 46,607 duine a' fuireach ann.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1621.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach gur ann à dà fhacal - eå (bruach/àite ri taobh abhainn) ann an Suainis agus lulij (daoine an t-srutha) ann an julevsámegiella - a tha an t-ainm.[3] Bheireadh sin Bruach Daoine an t-Srutha dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an 1649 chaidh am baile a ghluasad bhon t-seann bhaile - far a bheil an eaglais shean (gammelkyrja) - dhan àite far a bheil e an latha an-diugh leis gu robh am Bàgh air fàs gu math eu-domhainn a chuir bacadh air luingearachd.[4] B' atharrachadh iar-eigh-shrutha e a bha aig cnag na cùise. Thathar dhen bheachd gum bi sin na thrioblaid air feadh a' Chaolais san àm i teachd. Chaidh am baile na smàl ann an 1653, 1657 agus 1887. Chaidh Luleå ainmeachadh prìomh-bhaile na roinne an àite Piteå ann an 1865. Thug sin piseach air malairt.[5] Thogadh àrd-eaglais ann an 1893. Dh' fhosgail an t-Arm agus feachdan an adhair bunaitean an seo aig àm an dàrna cogaidh.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Martin Ljung (1917 - 2010) Actair.[6]
- Lennart Grahn (1946)
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]