Jump to content

Lucy Qinnuayuak

O Uicipeid
Lucy Qinnuayuak
Beatha
Breith Salluit, 1915
Dùthaich  Canada
Bàs Kinngait (en) Translate, 10 dhen t-Sultain 1982
Teaghlach
Cèile Tikituk Qinnuayuak (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd neach-tarraing agus printmaker (en) Translate

B' e neach-ealain Inuit a bh' ann an  Lucy Qinnuayuak (1915-1982).[1] Tha a cuid saothair a' nochdadh ann an iomadh cruinneachaidhean agus chaidh a chleachdadh air bratach Oilimpigeach.

Eachdraidh-beatha

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Qinnuayuak ann an, no faisg air, Salluit, Québec ann an 1915.[1] Nuair a bha i òg, dh'imrich an teaghlach gu Eilean Bhaffin, far an robh iad a' còmhnaidh ann an Cape Dorset.[2] Na deugaire, chaidh banais a chur air dòigh dhi agus phòs i Tikituk Quinnuayuak.[3] B' e snaidheadair agus fear-ealain a bh' ann an Tikituk cuideachd.[2][4] Lean iad orra ann an dòigh-beatha traidiseanta le bhith sealg, a' gluasad mu cuairt an Rubha Foxe agus diofar champa leithid Shapujuak, Ittiliakjuk, Igalallik, agus Kangia.B' e an té-ealain eile, Kenojuak Ashevak, a banta.

Dreuchd an neach-ealain chliùitich

[deasaich | deasaich an tùs]

Thòisich Qinnuayuak air obair ealain anns na 1950an. Bu i aon de na ciad a fhreagair an iarrtas aig James Houston airson dealbhan Inuit.[5] Chaidh a' chlach airson Large Bear (1961) a thoirt dhan Ghailearaidh Tate, Lunnainn, le Sir Charles Gimpel. Chithear an-diugh e aig an Scott Polar Research Institute, Cambridge. Chaidh an obair aice a chleachdadh anns a' chruinneachadh  clò-bhualaidh Cape Dorset ann an 1961. Nochd 136 dealbhan a rinn i anns a' chruinneachaidh ro àm a bàis ann an 1982.

Chleachd Qinnuayuak graphite agus peansailean dathte mar as tric, ach dh'fheuch i barrachd stuthan anns na 1970an–80an le dathan-uisge agus peant aicriolach.

Aithnichte airson a dealbhan de dh'eòin artach, chaidh obair Qinnuayuak a thaisbeanadh gu tric ann an Canada agus ann an dùthchannan eile. Chaidh fear de na dealbhan a chleachdadh air bratach sanasach airson Geamannan Oilimpigeach an t-Samhraidh 1976.[2] Tha an dealbh cloiche We all have something to do anns a' Chruinneachadh Ealain Thùsail aig Senate Chanada.[6]

Tha obair Qinnuayuak air nochdadh ann an còrr is ceithir fichead taisbeanaidhean, a' gabhail a-steach An Clò-bhualadh Inuit a rinneadh le Roinn na h-Innseachan agus an Canadian Museum of Civilization, agus a rinn turas eadar-nàiseanta bho 1977 gu 1982. Chìthear a dealbhan ann an Gailearaidh Ealain Ontario, Taigh-Tasgaidh Eachdraidheil Chanada, an Inuit Cultural Institute, Gailearaidh Ealain na Sudbury agus an Ionad Ealain Macdonald Stewart.

Taisbeanaidhean àraid

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Birds and Flowers: Eskimo Graphics le Lucy Qinnuayuak, Arctic Artistry, New York, 1989
  • Looking South: Winnipeg Art Gallery, 1978

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Harley Eber, Dorothy (7mh dhen Ghearran 2006): “Lucy Qinnuayuak(Beurla, Frangais). The Canadian Encyclopedia. Air a thasglannadh [o https://www.thecanadianencyclopedia.ca/en/article/lucy-qinnuayuak] 10mh dhen Mhàrt 2015. Air a thogail 8mh dhen Fhaoilleach 2018.
  2. 2.0 2.1 2.2 Odette, Leroux [1997] (2013): “Qinnuayuak, Lucy”, ann an: Heller, Jules & Nancy G. Heller: North American Women Artists of the Twentieth Century: A Biographical Dictionary. Routledge, td. 455-6. ISBN 9781135638825. 
  3. Leroux, Odette, Jackson, Marion; Freeman, Minnie Aodla (1996): Inuit Women Artists. San Francisco: Chronicle Books, td. 72. ISBN 081181307X. 
  4. "QINNUAYUAK, Lucy". Canadian Women Artists History Initiative. July 11, 2012. Retrieved March 8, 2015.
  5. Leroux, Odette, Jackson, Marion; Freeman, Minnie Aodla (1994): Inuit women artists: voices from Cape Dorset. Vancouver, British Columbia: Douglas & mcIntyre, td. 72–73. ISBN 1-55054-131-5. 
  6. LUCY QINNUAYUAK (1915-1982)(Beurla, Frangais). Canadian Aboriginal Art at the Senate. Senate of Canada. Air a thogail 8mh dhen Fhaoilleach 2018.