Lochan Sròn Smeur
Co-chomharran: 56°42′44″N 4°31′55″W / 56.712190°N 4.531998°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Lochan Sròn Smeur neo Lochan Sròn Smear.[1] Tha e suidhichte ann am Mòinteach Raineach air a' Ghàidhealtachd. Tha Lochan Lòin nan Donnlaich san àird an ear dheth. Tha e na laighe eadar dà bheinn, Leacann nan Giomach sa tuath agus Sròn Smeur (513 m) sa deas.
Tha an loch mu 0.5 mìle (0.8 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na 440 slat (402 m) aig an àite as leathainne. Tha cumadh gu math neo-chothromach aige. San fharsaingeachd tha e mu 246 slat (225 m) a leud. Tha Lochan Sròn Smeur cho mòr ri 50 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith dà mhìle ceàrnagach (5 km²). 'S e 10.3 troigh (3.1 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 33 troigh (10 m) aig an àite as doimhne.[1]
Tha bàrr uisge an locha mu 1134 troigh (345.6 meatair) os cionn na mara. Thèid an loch a lìonadh bhon ear-thuath le Allt Coire nan Giomach agus sruthaidh an t-uisge a-mach às an loch seo chun an iar tro Allt Gormag, Allt Eigheach do Loch Eigheach.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 66, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910).