Loch Leitir Easaidh
Co-chomharran: 58°11′24″N 5°07′03″W / 58.190023°N 5.117455°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Leitir Easaidh neo Letteressie.[1] Tha e suidhichte dìreach san àird an iar air Loch Asainte ann an Asaint.
Tha an loch mu leth-mhìle (0,8 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na 700 slat aig an àite as leathainne. San farsaingeachd tha e mu 230 slat a leud. Tha Loch Leitir Easaidh cho mòr ri 62 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith 2 2/3 mìle ceàrnagach. 'S e 20 troigh (6,1 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 70 troigh (21 m) aig an àite as doimhne.[1] Tha bàrr uisge an locha mu 217 troigh (66 m) os cionn na mara. Thèid an loch a lìonadh le uisge bho Loch Bad a' Chigean is Loch na h-Innse Fraoich. Sruthaidh an t-uisge a-mach à Loch Leitir Easaidh chun an ear ann an Loch Asainte tro abhainn ghoirid a bhios dìreach cuid slatan a dh'fhad.
Thàinig ainm an locha bho eas a tha suidhichte aig ceann an iar an locha.
Tha cas-cheum ann timcheall air Loch Leitir Easaidh is Loch na h-Innse Fraoich a bhios rèidh agus freagarrach do dhaoine ann an cathair-chuibhle.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Inver Basin", td 151, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
- ↑ Loch Leitir Easaidh, Walkhighlands.co.uk
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910)
- Fiosrachadh airson luchd-coiseachd aig Walkhighlands.co.uk (Beurla)
Loch Asainte • Loch Beannach • Loch na Doire Daraich • Loch Druim Suardalain • Loch Leitir Easaidh • Loch Maol a' Choire • Loch Obha