Loch Druim Suardalain

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

Co-chomharran: 58°08′39″N 5°12′25″W / 58.1443°N 5.207063°W / 58.1443; -5.207063

Loch Druim Suardalain
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Druim Suardalain
Suidheachadh Loch Druim Suardalain air a' Ghàidhealtachd

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Druim Suardalain. Tha e suidhichte ann an Asaint mu mhìle san àird an iar air Loch Inbhir agus mu leth-mhìle san àird an ear-dheas air Loch na Doire Daraich.

Tha an loch mu 3/4 mìle (1,2 km) a dh'fhad agus tha an leud aige mu ¼ mile (400 m) aig an àite as leathainne. San farsaingeachd tha e mu 1/6 mile (267 m) a leud. Tha Loch Druim Suardalain cho mòr ri 79 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri beagan a bharrachd na 13 mìle ceàrnagach. 'S e beagan a bharradh na 10 troigh (3 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 31 troigh (9,50 m) aig an àite as doimhne.[1] Tha bàrr uisge an locha mu 134,5 troigh (41 meatair) os cionn na mara. Thèid an loch a lìonadh tro Abhainn Bad na h-Achlaise le uisge bho Loch na Gainimh agus sruthaidh an t-uisge a-mach às an loch tro Uigh a' Bhalgain gu Loch na Doire Daraich.

Air bruach a thuath tha Glencanisp Lodge ann, taigh-seilg a chaidh a thogail anns na 1800an aig àm Bhictorianach. [2] An diugh tha e aig an Assynt Foundation a bhios ga chleachdadh mar thaigh fèin-frithealaidh air mhàl airson bhuidhnean.

Tha rathad bho Loch an Inbhir a' dol seachad air Loch Druim Suardalain gus an taigh-seilg, an uair sin tha dìreach cas-cheum ann a leanas air adhart.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Inver Basin", td 154, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
  2. Assynt foundation

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910).