Loch Bà
Co-chomharran: 56°37′00″N 4°44′04″W / 56.616685°N 4.734549°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Bà. Tha e suidhichte ann am Mòinteach Raineach air a' Ghàidhealtachd. Tha Loch Buidhe san àird an ear-thuath dheth.
Tha an loch mu 2.49 mìle (4.00 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas motha na mìle aig an àite as leathainne. San fharsaingeachd tha e mu leth mhìle a leud. Tha cumadh gu math neo-chothromach aige. Tha Loch Bà cho mòr ri 12.37 km² (0.92 mìle ceàrnagach) agus tha an àrainn drèanaidh dìreach aige cho mòr ri gu bhith 4,5 mhìle ceàrnagach (11.6 km²). Ach tha e a' gabhail a steach an t-uisge bho Loch Buidhe, Lochan na Stainge is Lochan na h-Achlaise cuideachd, mar sin tha an àrainn drèanaidh uile gu lèir cho mòr ri gu bhith 17.5 mìle ceàrnagach. 'S e 7.8 troigh (2.4 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 29.8 troigh (9.1 m) aig an àite as doimhne.[1]
Tha bàrr uisge an locha mu 957 troigh (291 meatair) os cionn na mara. Thèid an loch a lìonadh le Abhainn Bà san iar agus sruthaidh an t-uisge a-mach às an loch seo chun an ear tro Abhainn Bà gu Loch Laidon. Tha mòran eileanan ann an Loch Bà, nam measg Eilean Molach is Eilean na h-Iolaire.
Chan eil duine sam bith a' fuireach air bruach no faisg air Loch Bà. Mar sin chan eil rathaidean ann ach aig ceann an ear-thuath an locha, far a bhios an A82 a' dol seachad. Tha Loch Bà math airson iasgach, gu h-àraidh bric. [2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 62, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
- ↑ Rannoch Moor Trout Fishing Fiosrachadh mu iasgach ann an Loch Bà (Beurla)
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910).
- Gazetteer for Scotland