Jump to content

Loch Buidhe, Mòinteach Raineach

O Uicipeid

Co-chomharran: 56°35′42″N 4°46′29″W / 56.595058°N 4.774785°W / 56.595058; -4.774785

Loch Buidhe air a beulaibh le Lochan na Stainge air a chùlaibh
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch
Suidheachadh Loch Buidhe air a' Ghàidhealtachd

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Buidhe neo uaireannan Loch Buie.[1] Tha e suidhichte ann am Mòinteach Raineach air a' Ghàidhealtachd. Tha Lochan na Stainge san aird a tuath dheth agus tha Lochan na h-Achlaise san iar-dheas. Chan eil rathad ann a leanas chun an locha agus chan eil duine sam bith a' fuireach faisg air.

Tha an loch mu 580 slat (531 m) a dh'fhad agus tha an leud aige mu 440 slat (440 m) aig an àite as leathainne. San fharsaingeachd tha e mu 292 slat (267 m) a leud. Tha Loch Buidhe cho mòr ri 35 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith 11 mhìle ceàrnagach (28.5 km²). 'San fharsaingeachd tha an loch gu math eu-domhain le 3 troigh (0.9 m) aig an àite as doimhne.[1] Tha bàrr uisge an locha mu 981 troigh (300 meatair) os cionn na mara.

Thèid an loch a lìonadh le Abhainn Bà.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 60, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]