Llandudno
'S e baile ann am Bwrdeistref Sirol Conwy, a' Chuimrigh a tha ann an Llandudno (Cille Tudno). Tha an cille fhèin, a chaidh air togail, neo ath-thogail 's na meadhan aoisean, suidhichte air slèibh tuathail a' Ghogairth. Is prìomh-bhaile Glan Conwy a tha anns a' bhaile a tha suidhichte air machair eadar tìr-mhòr na Cuimrigh agus an leth-eilean Y Gogarth. Ann an 2001 bha 15,000 duine a' fuireach an seo.
Tha Slighe Costa na Cuimrigh a' dol tron bhaile.
Eachdraidh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Ged a bha tuineachaidhean anns an àite seo bho Linn an Uamha bha a' chiad tùs sgrìobhte a' nochdadh ann an 1284. Bha mainear ann aig an àm ud a bha a' gabhail a-steach trì bailtean: Y Gogarth anns an iar-dheas, Y Cyngreawdr anns an tuath agus Yn Wyddfid san àirde an ear-dheas. Ann an 1840 chaidh eaglais ùr a thogail agus an uair sin dh'fhàs Llandudno nas motha. Bha muinntir a' baile ag obair ann am mèinnearachd no ann an àiteachas no bhathar ag iasgach.
Aig àm Bhioctoria chaidh am baile a chleachdadh airson saor-làithean a chur seachad. Dh'fhosgail rathad-iarainn an seo ann an 1858. An-diugh tha Llandudno na àite làithean-saora as motha anns a' Chuimrigh a tha suidhichte ri taobh na mara. Tha mòran togalaichean brèagha ann,m.e.: an taigh-cluiche Venue Cymru no cidhe Llandudno.