La Estrella
La Estrella
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Sgìre | Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá) | ||||
Àirde | 1775m | ||||
Co-chomharran | 6° 09' Tuath 75° 38' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 35 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 52,563 (2005) | ||||
Dlùths | 1,501.8/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas La Estrella |
'S e baile meadhanach anns a' Ghleann Aburrá ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a tha ann an La Estrella. Tha e dìreach ri taobh Medellín (16km), prìomh-bhaile na roinne. Tha e suidhichte aig 1,775m os cionn ìre na mara. ' S e baile le gnàth-shìde bhlàth a th' ann La Estrella agus tha teodhachd mheadhanach dhe 20˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1685.[3]
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Ged a tha 52,563 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 23,751 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am La Estrella, agus tha 2.8% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 94.2% dhe na daoine ann an La Estrella leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 92.2% dhe na dachannan.[6]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am La Estrella. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
- Fèisean a' Mheatailt.
- A' Chàisg.
- Fèisean an Uisge: an t-Ògmhios.
- Fèille An Romeral: 27mh an Lùnasdal gu 5mh an t-Sultain. Seo an fhèis as fheàrr.
- Fèille Moire (Spàinntis:Nuestra Señora del Rosario de Chiquinquirá)
- Fèisean an Teine: an Dùbhlachd.