Kyle Carey
Kyle Carey
Ceòladair
Ainm breithe | Kyle Carey |
---|---|
Bliadhna breithe | 1984 |
Àite breithe | New Hampshire (Stàitean Aonaichte) |
Meadhan | Guth, giotàr, ukulele, shruti box |
Stoidhle | Gaelic Americana |
Làrach-lìn | http://www.kyleannecarey.com/ |
'S e seinneadair a tha ann Kyle Carey. Rugadh i ann an 1984 ann an New Hampshire sna Stàitean Aonaichte, ach chaidh a togail ann an Alaska.
Chaidh i gu Skidmore College ann an Saratoga Springs, NY far an d' fhuair i ceum ann an litreachas 's an uair sin a Cheap Breatainn air Fulbright Fellowship ann an ceòl. Thug i seachad aon bhliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig, anns an Eilean Sgitheanach, far an do dh' ionnsaich i a cuid Gàidhlig.
Chaidh a chiad chlàr, 'Monongah' a' chlàradh ann an Èirinn le Donogh Hennessy ann an 2011. 'S e measgaich de dh' òrain a' sgrìobh i fhèin sa Bheurla 's òrain Ghàidhlig a th' ann.
Ann an 2013, chlàr i 'One Morning in May', cruinneachadh de dh' òrain Earraich còmhla ri Josienne Clarke agus Ben Walker ann an Lunnainn.
Ann an 2004 thàinig an dàrna clàr aice a-mach, 'North Star', a chaidh a' chlàradh ann an Glaschu le Seumas Egan. A-rithist, ’s e measgaich de dh’òrain ùra sa Bheurla agus òrain sa Ghàidhlig ga th’ ann.
Clàran
[deasaich | deasaich an tùs]- Monongah (2011)
- One Morning in May EP (2013)
- North Star (2014)
- The Art of Forgetting, 2018
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Kyle Carey - làraich-lìn oifigeil
- Kyle Carey air Facebook
- Agallamh le Iain Mac 'ille Mhìcheil, BBC Radio nan Gàidheal, 2014-02-24 (6 mionaidean bho phrògram nas fhaide)