Jump to content

Iain Knox

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o John Knox)
Iain Knox
Moderator of the General Assembly of the Church of Scotland (en) Translate

dhen Dùbhlachd 1562 - dhen Ògmhios 1563
Moderator of the General Assembly of the Church of Scotland (en) Translate

dhen Dùbhlachd 1568 - dhen Ghearran 1569
Beatha
Breith Baile Adainn, 1514
Dùthaich  Alba
Àite-fuirich Cathar-eaglais Naomh Giles
St Andrews (en) Translate
Bàs Dùn Èideann, 24 dhen t-Samhain 1572
Àite-adhlacaidh Cathar-eaglais Naomh Giles
Teaghlach
Cèile Margery Bowes (en) Translate  1560)
Margaret Knox (en) Translate  (dhen Mhàrt 1564 (Gregorian) -
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Oilthigh Chill Rìmhinn
Cànain Beurla
Luchd-teagaisg Jean Calvin
Dreuchd
Dreuchd diadhair, ministear, sgrìobhadair agus neach-poileataigs
Creideamh
Creideamh Seanaireachd

B' e pearsa-eaglaise, diadhair, sgrìobhadair agus ceannard air Ath-leasachadh na h-Alba a bha ann an Iain Knox (Beurla: John Knox, Baile Adainn, mu 1510Dùn Èideann 24 an t-Samhain 1572).

Sgeul-bheatha

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Iain Knox ann am Baile Adainn. Thathar den beachd gun d'fhuair e foghlam aig Oilthigh Chill Rìmhinn. As dèidh sin, bha e na shagart Caitligeach. Thachair e ri Seòras Uiseart, ath-leasachair na h-eaglaise Albannach a chaidh chuir ri bàs ann an 1546. B' e leanmhainniche Uiseairt a bh' ann an Knox. Mar eisimpleir, shearmonaich e mar fhear-leasachaidh aig Caisteal Chille Rìmhinn. Chuir Knox seachad 18 mìosan mar thràill air soithichean-cogaidh Frangach, gu ruige 1549.

An uair sin, thàinig e gu bhith na shearmonaiche Pròstanach ann an Sasainn. Bha e na sheaplain rìoghail do Eideard VI. Ann an Sasainn, phòs e Margery Bowes. Theich e dhan Roinn Eòrpa nuair a stèidh, Mhàiri I, "Màiri Fhuilteach" mar a chanar rithe, an creideamh Caitligeach a-rithist ann an Sasainn. Ann an Geneva, choinnich Knox ris an diadhair mòr Pròstanach agus ath-leasachair na h-eaglaise Jean Calvin.

Thill Iain Knox a dh'Alba ann an 1559 agus shearmonaich e an aghaidh a' chreidimh Chaitligich. Thug na sgrìobh agus na rinn Jan Hus buaidh mhòr airsan.[1] Chaochail e ann an Dùn Èideann ann an 1572.

Leabhar-chlàr

[deasaich | deasaich an tùs]
  • 1558: "Ciad Ghuth na Trompaid an aghaidh Rèiseamaid Uabhasach nam Ban"
  • 1586-1587: Eachdraidh Ath-leasachadh na h-Alba

Aistean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]
  • "Knox". Còmhradh Oll. Ruairidh A. Fionlasdan agus Iain MacAonghais. Gairm, Am Foghar is An Geamhradh 1972 (dà phàirt).

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Musée Protestant
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: