Jihlava
Jihlava
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Seic | ||||
Ceàrn | Vysočina | ||||
Sgìre | Jihlava | ||||
Co-chomharran | 49° 23 45′ Tuath 15° 35 28′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 78.85 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 50,598 (2013) | ||||
Dlùths | 641.7/km² | ||||
Àireamh fòn | (420) 567 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile meadhanach ann an cridhe Poblachd nan Seiceach a tha ann an Jihlava (IPA:ˈjɪɦlava, Gearmailtis: Iglau, Laideann: Iglavia, Polais: Igława). Tha Jihlava suidhichte aig 520m os cionn ìre na mara,[1] anns an roinn Vysočina, anns an sgìre Jihlava fhèin, eadar Tábor agus Brno, ri taobh na h-aibhe Jihlava, às an d'fhuair e ainm. Tha e 94km air falbh bho České Budějovice, 113km bho Český Krumlov agus 114km bho Phràg, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 50,598[3] duine a’ fuireach anns a’ bhaile agus 's e Seacais a th’ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine an seo. Chaidh Jihlava a stèidheachadh ann an 1240. Sa Ghiblean 1968, loisg oileanach air an robh Evzen Plocek esan fhèin ann an Jihlava,[4] mar sheòrsa dhe fianais an aghaidh ionnsaigh Arm Dearg nan Sobhiatach air an dùthaich aige, dìreach mar an d'rinn Jan Palach ann am Pràg trì mìos ro làimhe.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuineadh am baile dhan Ostair-Ungaire bho 1867 gu ruige 1918.